Ath-chuinge ùr mun referendum

  • 16 An Cèitean 2013
Referendum
Chan eil Riaghaltas na h-Alba an dùil ceist an referendum a chur ach sa Bheurla.

Tha ath-chuinge ùr ann a tha ag iarraidh gun tèid a' chèist anns an referendum air neo-eisimeileachd na h-Alba a chur sa Ghàidhlig, cho math ris a' Bheurla.

Chaidh an ath-chuinge air loidhne Diardaoin.

Tha e a' cur ìmpidh air Comataidh nan Ath-chuingean Poblach aig Pàrlamaid na h-Alba iarraidh air an Riaghaltas, Gàidhlig a chur air na pàipearan bhòtaidh ann an 2014.

Thuirt an Leas Phrìomh Mhinistear, Nicola Sturgeon, roimhe nach eil dùil aig an Riaghaltas a' cheist a chur sa Ghàidhlig.

Thuirt i gun do sheall deuchainnean gu bheil Gàidheil a' tuigsinn na ceist sa Bheurla, is gur e poileasaidh àbhaisteach a th' ann son pàipearan bhòtaidh ann an taghadh no referendum a bhith ann am Beurla a-mhàin.

'S e Iain MacLeòid, a tha air a bhith ag iomairt às leth na Gàidhlig fad bhliadhnaichean, a tha a' cur an ath-chuinge air adhart.

Spèis

"Tha Achd Pàrlamaid air a bhith againn bho 2005 far an do dh'aontaich a' Phàrlamaid inbhe thèarainte a thoirt dhan Ghàidhlig mar chànan oifiigeil agus le spèis co-ionnan ris a' Bheurla.

"Tha plana Gàidhlig cuideachd aig an Riaghaltas fhèin agus tha an Riaghaltas air ainm a chur ris a' chùmhnant Eòrpach son nam mìon-chànan.

"Chan eil e a' dèanamh ciall sam bith nach eil iad air gabhail an cothrom a tha seo airson a' Ghàidhlig a chur còmhla ris a' Bheurla agus gum biodh pàipear baileit dà chànanach ri fhaighinn", thuirt e.

Thuirt Mgr MacLeòid gun do sgrìobh e gu Nicola Sturgeon mun chùis.

Dh'innis e gun d' fhuair e litir air ais, sa Bheurla, a' dearbhadh gun d'fhuair Ms Sturgeon an litir aige.

"Chan eil càil a mhath dhan Riaghaltas no buidhnean poblach a bhith a' sgrìobhadh phlanaichean agus a' gealltainn rudan is gun iad an uairsin ga chur ann an gnìomh", thuirt e.

Bidh an ath-chuinge air loidhne fad trì seachdainnean.