CNES diombach mu dhàil ùr a' chàbail

  • 16 An Cèitean 2013
Càbal
Image caption Tha dàil eile air Càbal a' Chuain Sgìth.

Thuirt Comhairle nan Eilean Siar gur e briseadh-dùil mòr a th' ann dhaibh nach tèid tòiseachadh air càbal dealain eadar na h-Eileanan is Tìr Mòr gu 2017, aig a' char as traithe.

Thàinig dearbhadh bho SHE Transmissions (SHET) an-dè nach cuireadh iad cùmhnantan air adhart son na pròiseict san Iuchar am bliadhna, mar a bha dùil an toiseach.

Thuirt iad gur e as coireach ach nach deach aonta a ruighinn eadar riaghaltasan Westminster is Holyrood mu ciamar a rachadh cosgaisean a' chàbail a phàigheadh.

Tha SHET ag ràdh nach bi e comasach dhaibh tòiseachadh air càbal gu 2017.

Thàinig am brath bhon bhuidhinn às dèidh do dh'aithisg ùr, a dh'iarr an dà riaghaltas, sealltainn gum faodadh eileanan na h-Alba cur gu mòr ri cumachd ath-nuadhachail ann am Breatainn.

Aithghearrachd

Bha rabhadh san aithisg ge-tà gum feum na riaghaltasan gluasad san aithghearrachd gus bun-structar a stèidheachadh, no gum faodadh na h-eileanan an cothrom a chall.

'S e buille a th' anns an dàil ùr seo, a rèir Thormoid Dhòmhnallaich, fear-gairm Chomhairle nan Eilean Siar.

"S e briseadh-dùil a tha seo. A dh'aindeoin 's gu bheil an aithisg seo agus na riaghaltasan gach cuid ann an Dùn Èideann is Lunnainn ag ràdh gu bheil cothromachadh ri dhèanamh air a' chosgais a thathas a' leagail air an fheadhainn a tha a' toirt air adhart an leasachaidh a tha seo, is gum faigh iad fuasgladh air a sin eadar seo is deireadh an t-samhraidh, chan eil SHET deònach am plana-gnìomh aca a chur a-steach gu Ofgem airson is gun dèan iadsan measadh air an ùine gu leòr airson is gun tig an càbal ann an 2016", thuirt e.

Thuirt Mgr Dòmhnallach gun tèid a' Chomhairle a-nise a bhruidhinn ri SHET agus na riaghaltasan ann an oidhirp an gnothach a ghluasad air adhart.

"Chan e pròiseact a tha seo dhuinn idir - chan eil ann an sheo ach rud air a bheil eaconomaidh nan Eilean gu bhith an crochadh anns na bliadhnaichean a tha ri teachd.

Cudromach

"Tha e cudromach dha-rìribh dhuinn gun tig seo air adhart ann an ùine a tha ceart, no falbhaidh an fheadhainn a tha airson leasachaidhean a thoirt air adhart", thuirt e.

Thuirt Mgr Dòmhnallach nach eil a' Chomhairle a' tuigsinn carson nach urrainn dha na cùmhnantan a dhol a-mach an-dràsta.

"Chan eil sinne a' faicinn adhbhar sam bith carson nach fhaod iad sin a dhèanamh co-dhiù.

"Tha gealltanas air a thighinn bho gach riaghaltas gu bheil iad a' dol a dh'fhaighinn fuasgladh air na cìsean agus na cosgaisean a thathas gu bhith a' leagail air an fheadhainn a tha a' toirt an leasachaidhean air adhart.

"Tha sinne a' gabhail ri sin agus chan eil sinn a' tuigsinn carson nach eil iadsan a' gabhail ri sin agus gun cuir iad am plana-gnìomh aca a-steach", thuirt e.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile