Dragh mu rathad Sgitheanach

  • 16 An Cèitean 2013
Rathaid Bhreacais
Image caption Tha muinntir Bhreacais air a bhith a' strì airson cabhsair ri taobh an rathaid

Tha fear de chomhairlichan Eilean a' Cheò a' fàgail air Còmhdhail na h-Alba nach eil iad a' coilionadh an dleastanais a thaobh a' phrìomh rathaid a tha a' dol tron Eilean Sgitheanach, an A87.

Bha an Comh. Hamish Friseal a' bruidhinn agus làraidh mhòr air a dhol far rathad Bhreacais aig toiseach na seachdainn, às dèidh mar a chaidh tè dhen na cuibhlichean aice a ghlacadh ann an toll aig cliathaich an rathaid.

Tha iomairt mhòr air a bhith a' dol anns an sgìre airson 's gun deadh cabhsair a chur an cois an rathaid, ach dh'innis Còmhdhail na h-Alba dhaibh aig coinneimh sa Mhàrt nach eil airgead ann air a shon.

Gheall iad ge-tà gun deadh soidhnichean a chur an àirde ann an oidhirp piseach a thoirt air sàbhailteachd an fheadhainn a tha a' siubhail an rathaid.

Cunnart am beatha

Thuirt an Comh. Friseal nam biodh cuideigin air a bhith a' coiseachd ri taobh an rathaid nuair a thachair tubaist na seachdainn-sa gum faodadh iad a bhith air am beatha a chall.

"Bhiodh duine sam bith a bha a' coiseachd neo air baidhseagal, cha bhiodh het air fhàgail dhiubh chanainn-sa", thuirt e.

Thuirt an Comh. Friseal gu bheil Comhairle na Gàidhealtachd air tòrr deasbaid a dhèanamh iad fhèin mu stait an rathaid, agus gu bheil iad a' cur cuideim air Còmhdhail na h-Alba rudeigin a dhèanamh mu dheidhinn.

Chaidh beachd iarraidh air Còmhdhail na h-Alba ach cha chualas càil bhuapa fhathast.

Tuilleadh air an sgeulachd seo