Dragh mu phròiseact Chaoil Reatha

  • 16 An Cèitean 2013
Caol Reatha
Image caption Tha dragh mòr anns an sgìre mun bhuaidh a bheireadh an leasachadh air sàbhailteachd anns a' chaolas

Tha fear a chuir mòran bhliadhnaichean seachad na sgiobair air aiseag Chaoil Reatha ag ràdh gur ann cunnartach dha-rìribh a tha planaichean airson uidheaman a bheireadh cumhachd à neart na tìde-mara a stèidheachadh anns a' chaolas.

Tha a' chompanaidh Marine Current Turbines am beachd ceithir crainn a chur an sàs anns a' chaolas.

Bhiodh na h-innealan comasach air 8MW de dhealan a chruthachadh - a chumadh cumhachd ri 4000 dachaigh.

Sàbhailteachd

Tha dragh sa choimhearsnachd ge-tà gum faodadh soitheach bualadh anns na crainn, agus gun dèanadh an leithid milleadh air an àrraineachd.

Tha Ruaraidh MacLeòid, a chuir bliadhnaichean seachad a' seòladh a' chaolais, ag ràdh gum faodadh am pròiseact beatha dhaoine a chur ann an cunnart.

"Maraiche sam bith, tha e a' coimhead dhà neo trì cheuman air thoiseach agus tha fios aige ma thèid rudeigin ceàrr 's e seo a nì mi ach chan eil rùm aige airson càil idir a dhèanamh ma tha na beathaichean sin ann am meadhan an àite", thuirt e.

Sgrìobh còrr is 70 duine gu Comhairle na Gàidhealtachd a' nochdadh an cuid uallachaidhean mun phròiseact.

Tha Buidheann na Mara agus nam Maor-cladaich cuideachd air cuir an aghaidh an leasachaidh.

Buannachd

Tha beachd eile san sgìre gum bu chòir dèanamh cinnteach gum faigh a' choimhearsnachd buannachd às - ma 's e is gun tèid an leasachadh air adhart.

Ann am brath-naidheachd thuirt Marine Current Turbines gun robh iad ag obair gu dlùth ri buidheann na mara aig Riaghaltas na h-Alba airson dèiligeadh ri na draghan a nochd daoine sa cho-chomhairleachadh phoblach, a thig gu ceann air an 12mh là den Og-Mhìos.

Tha dùil ri co-dhùnadh bhon Riaghaltas as t-fhoghair mu an tèid an leasachadh a leigeil air adhart.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile