Tubaist air an A82

  • 15 An Cèitean 2013

Chaidh dithis a ghoirteachadh ann an tubaist rathaid eadar càr is làraidh air an A82, trì mìle gu tuath air Cille Chuimein.

Thachair an tubaist mu uair feasgar Diciadain.

Chaidh fireannach agus boireannach a bha a' siubhail anns a' chàr a thoirt do dh'Ospadal an Rathaig Mhòir.

Thuirt na poilis gu bheil an dithis air an droch ghoirteachadh, ach nach eil iad ann an cunnart am beatha.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile