Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

15 An Cèitean 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Cosnadh

Thuit an àireamh a tha gun chosnadh ann an Alba, ged a chaidh am figear suas air feadh Bhreatainn. Bha an àireamh gun chosnadh agus a' sireadh obrach ann an Alba sìos mu 7000, eadar am Faoilleach agus am Màirt, gu 190,000. Ach air feadh Bhreatainn chaidh an àireamh suas mu 15,000 gu beagan a bharrachd air 2.5m.

Bùithean

Tha na bùithean air prìomh shràidean na h-Alba ag ràdh gur e droch aimsir as coireach, gu ìre, nach do reic iad uimhir 'sa bhiodh dùil air a' mhìos a chaidh seachad. Tha Caidreachas Reic na h-Alba ag ràdh nach robh uimhir de dh'iarrtas ann air aodach earraich agus samhraidh leis cho fuar sa bha i. Bha na h-àireamhan sìos 2% anns a' Mhàirt.

An Fhraing

Chaidh eaconomaidh na Frainge air ais gu crìonadh. Tha ìre àrd a' chion-cosnaidh san Fhraing a' ciallachadh nach eil daoine a' ceannach neo a' cosg airgid agus an riaghaltas a' feuchainn ri fiachan na dùthcha a ghearradh.

Bhòt

Dh'fhaodadh bhòt a bhith ann an Taigh nan Cumantan a-nochd, agus buill Tòraidh a tha ag iarraidh a-mach às an Aonadh Eòrpach, a' moladh atharrachadh ann an Òraid na Banrìgh agus iad a' gearain nach robh guth san òraid air referendum air ballrachd Bhreatainn anns an EU. Chan eil feadhainn de na buill sin riaraichte nas motha leis an dreach bhile Tòraidh a chaidh fhoillseachadh an-dè, le gealltanas air referendum ro dheireadh 2017, air am bu chòir do Bhreatainn fuireach neo tighinn a-mach às an Aonadh.

Ola

Rinn oifigich Choimisean na h-Eòrpa rèid air cuid de na companaidhean ola as motha, agus iad a' rannsachadh chasaidean gu bheil iad ag aontachadh agus a' stèidheachadh prìs na h-ola eadar iad. Tha BP agus Shell nam measg, agus thuirt an dà chompanaidh sin gu bheil iad a' cuideachadh leis an rannsachadh.

Cumhachd ath-nuadhachail

Tha aithisg do Riaghaltas Westminster agus Riaghaltas na h-Alba ag ràdh gum faodadh cumhachd ath-nuadhachail 10,000 cosnadh a stèidheadhach ann an eileanan na h-Alba ro 2030. Tha an aithisg cuideachd a' togail air dùbhlan dhan ghnìomhachas anns na h-Eileanan, le mì-chinnt ann fhathast mu chaball ùr fon mhuir eadar na h-Eileanan agus Tir-Mòr.

Iasgach

Thuirt Rùnaire Iasgaich na h-Alba, Ridseard Lochhead, gun deach adhartas a dhèanamh aig còmhraidhean mu Phoileasaidh Choitcheann an Iasgaich. Bha ministearan Eòrpach aig coinneimh anns a' Bhruiseal an-raoir a' deasbad rudan mar casg air tilleadh an eisg a tha marbh air ais dhan mhuir.