Cead do dhannsa-uchd an Inbhir Nis

  • 14 An Cèitean 2013

Chaidh cead a thoirt do chlub-oidhche ann an Inbhir Nis dannsa-uchd a chur air adhart.

Thàinig an tagradh bhon chlub Hush air Sràid na h-Acadamaidh sa bhaile.

Bha naoi àiteachan eile air cead fhaighinn roimhe bhon chomhairle 'son an leithid.

Bha a' bhuidheann 'Highland Violence Against Women Strategy Group' am measg na bha a' cur an aghaidh a' phlana.

Thog iad draghan gum faodadh cunnart a bhith gun rachadh brath a ghabhail air boireannaich, is gum biodh eucoir a bharrachd ann.

Thug Comhairle na Gàidhealtachd cead seachad ge-tà, 's aithisg a' togail nach robh trioblaid sam bith air èirigh bhon chlub-oidhche roimhe.

Thuirt an Eaglais Shaor gun robh an co-dhùnadh na "bhristeadh-dùil" dhaibhsan.

"Cha bu chòir do Chomhairle na Gàidhealtachd cead a thoirt do rud sam bith a tha a' gabhail brath air boireannaich, is gan cur ann an suidheachadh far an gabh an ceannach le fireannaich.

"S e bristeadh-dùil a th' ann cuideachd nach eil comhairlichean a' gabhail cùraim son an fheadhainn a tha iad mas fhìor a' riochdachadh", thuirt an Eaglais.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile