Gàidhlig
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Taic làidir dhan Gàidhlig

14 An Cèitean 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha taic mhòr ann dhan Ghàidhlig ann an Alba, a rèir an sgrùdaidh as motha a rinneadh a-riamh air a' chànan.

Bha còrr air 75% a bha air an ceasnachadh san rannsachadh - Beachdan a' Phobaill air a' Ghàidhlig ann an Alba - den bheachd gu bheil an cànan cudromach do dhualchas culturail na h-Alba.

Thuirt 25% gum biodh iad buailteach an cuid chloinne a chur gu fòghlam tro mheadhan na Gàidhlig, nam biodh an cothrom aca.

Thuirt 33% ge-tà gun robh iad a' smaointinn gun robh cus airgid ga chosg air a' Ghàidhlig.