Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

14 An Cèitean 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Na Tòraidhean

Tha a h-uile coltas ann nach eil buill Tòraidh riaraichte fhathast ged a tha Dàibhidh Camshron ag ullachadh dreach bhile Tòraidheach le gealltanas air referendum ro dheireadh 2017, air am bu chòir do Bhreatainn fuireach air neo tighinn a-mach às an Aonadh Eòrpach. Chan e bile riaghaltais a bhios ann leis nach eil na Lib Deamaich ag aontachadh ris, ach tha Mgr Camshron an dòchas gun tog cùl-bheingear Tòraidh e. Thuirt aon Tòraidh a tha ag iarraidh a-mach às an EU nach eil an seo ach gluasad tactigeach agus thuirt fear eile nach cuir a' mhòr-shluagh earbsa sam bith ann. Gheall Mgr Camshron ron a seo referendum an dèidh an ath-thaghadh, agus an dèidh dha aonta ùr obrachadh a-mach mu chàirdeas Bhreatainn ris an Aonadh Eòrpach.

Grianaig

Thuirt poilis gu bheil tuilleadh fiosrachaidh a dhìth orra fhathast mu dhithis bhoireannach, a chaochail an dèidh am faighinn air am fìor dhroch leòn ann an taigh-òsda ann an Grianaig sa mhadainn, Dihaoine. Chaochail Mairead McDonough, a bha 52, Dihaoine agus an nighean aice, Nicola, a bha 23, an-raoir. Chan eil duine eile fo amharas an-dràsta ach tha poilis ag iarraidh tuilleadh fiosrachaidh mu dè thachair an dèidh dhan dithis an dachaidh ann am Paislig fhàgail, Diardaoin.

Afghanistan

Bidh cuid de shaighdearan Breatannach a' cur barrachd ùine na bha dùil seachad ann an ceann a deas Afghanistan. Bidh saighdearan anns an ath-bhrigade ris am bheil dùil ann an sgìre Helmand san t-Sultain am bliadhna a' fuireach ann 'son suas ri naoi mìosan seach na sia mìosan as àbhaist.

Earra-Ghàidheal is Bòd

Dh'fhàg Ceannard Comhairle Earra-Ghàidheal agus Bhòid an dèidh trì miosan anns an dreuchd. Dh'iarr buill SNP eile air Seumas Robb a dhreuchd a leigeil dheth. Bha an SNP aig ìre nàiseanta air an aon duine deug de bhuill SNP air Comhairle Earra-Ghàidheal agus Bhòid a chasg rè-ùine an dèidh connspaid mu cho-bhanntachd a bha iad sin air aontachadh le buidhnean Tòraidh agus Lib Dem na comhairle. Bha comataidh riaghlaidh nàiseanta an SNP a' maoidheadh an tilgeil a-mach às a' phàrtaidh uile gu lèir mura cuireadh iad às dhan cho-bhanntachd leis na pàrtaidhean eile.

Norovirus

Thuirt NHS na Gàidhealtachd gu bheil iad a' feitheamh ri dearbhadh an e Norovirus as coireach ri tinneas aig Ospadal Lawson ann an Goillspidh. Thàinig air ceithir ospadail a-niste uardan a dhùnadh do dh'euslaintich às ùr le tinneas am measg euslainteach agus luchd-obrach. Chaidh dearbhadh gu bheil Norovirus aig Ospadal an Rathaig Mhòir ann an Inbhir Nis, Ospadal Inbhir Narainn agus Ospadal Inbhir Ghòrdain.