Coinneamh mu dheisealachadh choimhearsnachdan

  • 14 An Cèitean 2013

Cumar coinneamh ann an Leòdhas Dimàirt a bheachdachadh air mar a dh'fhaodas coimhearsnachdan nan Eilean Siar ullachadh nas fheàrr a dhèanamh mu choinneamh suidheachaidhean èiginneach.

'S e seo a' chiad choinneamh ann an sreath a thèid a chumail air feadh nan Eilean.

Bidh fìor dhroch shìde, falaisgearan agus an dealan a' dol dheth a-measg nan suidheachaidhean air an tèid bruidhinn.

Cuideachadh

Thuirt Cathraiche Co-bhonntachd Sàbhailteachd Choimhearsnachdan na Comhairle, Teàrlach MacNeacail, gu bheil muinntir nan Eilean gu math cleachdte ri bhith a' cuideachadh a' chèile nuair a nochdas suidheachadh èiginneach, ach gur e an t-amas aca brath a ghabhail air eòlas agus goireasan a tha rim faighinn anns na sgìrean fhèin.

'S ann bho dhùthchannan Lochlannach a thàinig am beachd an toiseach, thuirt e, agus tha e mar-thà ag obrachadh math ann an sgìrean dùthchail eile ann an Alba.

Bidh daoine an làthair aig na coinneamhan bho Roinn Dheisealachaidh an Riaghaltais Albannaich agus Roinn Planaidh Èiginn Chomhairle nan Eilean Siar.

Bidh a' chiad choinneamh a' gabhail àite ann an Talla Chlann MhicGuaire ann am Borgh aig 8f Dimàirt, an 14mh là dhen Chèitean.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile