£1.9m airson leasachadh na Cille Bige

  • 14 An Cèitean 2013
Sabhal Mòr Ostaig
Thathas a' comharrachadh 40 bliadhna bho chaidh colaiste na Gàidhlig a stèidheachadh

Tha Riaghaltas na h-Alba air £1.9m a ghealltainn mu choinneamh phlanaichean airson goireasan gnothachais ùr ann an ceann a deas an Eilein Sgitheanaich.

Bidh rùm anns an togalach ùr airson suas ri fichead gnothachas, agus àite-fuirich cuideachd airson suas ri fichead duine a bhios ag obair aig a' Chille Bhig - am baile ùr a thèid a stèidheachadh ann an Slèite.

Tha dùil gum bi an togalach ùr deiseil ann an 2015.

A' foillseachadh an airgid, thuirt an Leas Phrìomh Mhinistear Nicola Sturgeon, aig àm nuair a tha an eaconomaidh cho mall, gu bheil e riatanach gun tèid taic a chur ri pròiseactan mar seo a chruthaicheas obraichean agus a bheir piseach air coimhearsnachdan iomallach.

'S ann bho Stòras Leasachadh Sgìreil na h-Eòrpa a thig an t-airgead.

Chaidh cead-dealbhachaidh ann am prionnsabal dhan phlana airson Baile na Cille Bige a thoirt seachad an uiridh.

Ceann-bliadhna

Thuirt Cathraiche Shabhal Mòr Ostaig, Ruaraidh MacLeòid, gu bheil e cudromach gur ann am bliadhna, nuair a tha a' cholaiste a chomharrachadh 40 bliadhna bho chaidh fosgladh, a thèid tòiseachadh air a' phròiseact ùr seo.

Tha dùil gum mair a' chiad earrann dhan phròiseact, a chosgas £6.7m, còig mìosan deug, agus gun cruthaich e 50 obair.

'S ann bho Riaghaltas na h-Alba, Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean, Comhairle Mhaoineachadh na h-Alba, Comhairle na Gàidhealtachd agus Urras Leasachaidh an t-Sabhail Mhòir a thig an còrr dhen mhaoineachadh airson a' phròiseict.