Luchd-obrach mì-laghail san Òban

An t-Òban Chaidh 17 duine a chuir an greim uile gu lèir

Chaidh 17 duine a chur an greim anns an Òban fo amharas nach robh cead aca a bhith ag obair anns an dùthaich-sa.

Chaidh fear aca - fireannach à Sìona - a shaoradh gus an deadh tuilleadh rannsachaidh a dhèanamh air an stait in-imrich aige.

Tha dùil gun teid an fheadhainn eile uile a chur a-mach às an dùthaich.

Thuirt oifigearan inimrich gur ann à Bangladesh a tha 13 dhiubh 's gun deach an lorg ag obair ann an trì taighean-bìdhe - an Taj Mahal air Sràid Sheòrais, Light of India air Sràid Stevenson agus an Coriandor air rathad Shoroba.

Bha na fir uile eadar 22 agus 64 bliadhna a dh'aois.

Cuideachd chaidh dithis à Pagastan a ghlacadh aig Kebabish air Sràid Sheòrais agus chaidh dithis fhireannach à Sìona cuideachd fhaighinn ag obair gun chead ann an taigh-bìdhe Crystal Palace.

Thuirt seirbhis na h-in-imrich gum faodadh càin suas ri deich mìle nòt a dhol air gach gnìomhachas airson gach duine a bha ag obair dhaibh gu mì-laghail mura tèid aca air dearbhadh gun do rinn iad sgrùdadh feuch an robh còir aca a bhith ag obair anns an dùthaich seo.

Chaidh rèidean a dhèanamh air na taighean-bìdhe air an 9mh là dhen Chèitean.

Sgeulachdan aithriseach

  • Gleann DailBàird Ghleann Dail

    Leabhar ùr ga fhoillseachadh a tha a' toirt ri chèile bàrdachd Dhòmhnall nan Òran agus bàrdachd a mhac, Niall 's Iain Dubh.


  • Caisteal Inbhir NisIonad-turasachd ùr san amharc?

    Buidheann-obrach ùr ga stèidheachadh gus beachdachadh air Caisteal Inbhir Nis.


What is VOCAB? Deth'ann a VOCAB?

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.