Seumas Robb air a dhreuchd fhàgail

  • 14 An Cèitean 2013
Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid
Tha Seumas Robb air a dhreuchd fhàgail ri linn a' bhuairidh ann an Earra-Ghàidheal.

Dh'fhàg ceannard nàiseantach Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid a dhreuchd, às dèidh beagan is trì mìosan san obair.

Chaidh iarraidh air Seumas Robb a dhreuchd a leigeil dheth le comhairlichean eile an SNP.

Bha an SNP aig ìre nàiseanta air na comhairlichean a chasg bhon phàrtaidh leis gun do dh'iarr iad air na Lib Deamaich is na Tòraidhean co-bhanntachd a stèidheachadh còmhla riutha.

Thuirt Comataidh Stiùiridh Nàiseanta an SNP nach deach iarrtas a chur mun coinneimh son co-bhanntachd a stèidheachadh.

Rèiteach

Chaidh innse dha na comhairlichean gun rachadh an cur às a' phàrtaidh mura bhiodh an gnothach air a rèiteach Diluain.

A dh'aindeoin is gu bheil e air an obair aige fhàgail, thuirt Mgr Robb gu bheil e fhathast den bheachd gur e co-dhùnadh ceart a bh' ann do dh'Earra-Ghàidheal is Bòd co-bhanntachd a stèidheachadh.

"Bhiodh seo air buidheann-riaghlaidh nas seasmhaiche a thoirt dhuinn agus bhiodh e air cuid de chomhairlichean le tòrr eòlais a thoirt a-steach dhan bhuidhinn-riaghlaidh.

"Cead"

"Bha sinn feumach air cead bhon Chomataidh Stiùiridh Nàiseanta agus thuirt mi gun gabhainn ris a' cho-dhùnadh aca.

"Cha deach innse dhomh carson a bha na comhairlichean airson 's gum fàgainn mo dhreuchd oir cha robh mi aig a' choinneimh.

"Nuair a thàinig iad dhan cho-dhùnadh bha mi toilichte sin a dhèanamh", thuirt e.

Thathas a' tuigsinn gun tèid an comhairliche Ruairidh MacCuthais os cionn na comhairle gus an tèid co-dhùnadh a ruighinn air buidheann-riaghlaidh.