Fuil Ionatain MhicFhionghain air lèine-t Liam

  • 13 An Cèitean 2013

Chuala cùis-lagha Liam Aitchison ann an Glaschu gun deach fuil fhear a tha fo chasaid, Ionatan MacFhionghain, fhaighinn air brat-ùrlar agus doras aig an taigh ann an Stèinis ann an Leòdhas far an deach corp Liam a lorg, agus cuideachd air lèine-t a bha le Liam.

'S i eòlaiche saidheans foreansach, Sarah NicAnndrais Jones, a bha a' toirt seachad fianais san Àrd-Chùirt ann an Glaschu Diluain.

Thuirt i gun robh fichead toll anns an lèine-t, le coltas air ochd deug dhiubh gun deach an dèanamh le sgithinn.

Chuala a' chùirt cuideachd bho Dominic Long, 17, a bha ann an cealla còmhla ris an fhear eile a tha fo chasaid, Stefan Miller, ann am Prìosan Inbhir Nis.

Dh'fhaighnich am fear-casaid, Iain MacSporrain, do Mhgr Long an robh duine den dithis a tha fo chasaid air dad a ràdh ris fhad 's a bha iad sa phrìosan.

"Stefan - ach chan eil mi airson gnothach a ghabhail ris a seo idir", thuirt Dominic Long, is e ag ràdh nach robh cuimhne aige dè chaidh a ràdh ris.

Chaidh dealbh de chorp Liam Aitchison an uairsin a shealltainn do Mhgr Long is chaidh innse dha gun robh athair Liam sa chùirt.

Chaidh faighneachd dha a-rithist dè thuirt Stefan Miller ris.

"Dh'innis e dhomh gun do mharbh e e", thuirt e.

Thuirt Long an uairsin gun deach innse dha "gun tug iad e (Liam) gu àite far nach eil duine a' fuireach agus gun do mharbh iad e".

Dh'fhaighnich Iain MacSporrainn ciamar a chaidh a mharbhadh.

"Air a shàthadh", thuirt Mgr Long.

"B'e seo an darna là a bha thu sa phrìosan còmhla ri Stefan Miller agus dh'aidich e dhut na rinn e", dh'fhaighnich neach-lagha Stefan Millar, Frances McMenamin.

"Bha e na bu choltaiche ri bòsd", thuirt Mgr Long, "Cha chanainn gur e aideachadh a rinn e ann".

Tha Stefan Millar agus Ionatan MacFhionghain, a tha le chèile 22, fo chasaid gun tug iad ionnsaigh air Liam, a bha 16, le botal agus sgian, gun do bhreab iad gu dona e mun a cheann, agus gun do mhuirt iad e.

Tha an dithis a' dol às àicheadh nan casaidean.

Tha a' chùis a' leantainn.