Port-Adhair Dhùn Èideann
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Port-Adhair Dhùn Èideann duilich

13 An Cèitean 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Dh'iarr Port-Adhair Dhùn Èideann mathanas air euslaintich agus daoine ciorramach bho na h-Eileannan an Iar seach nach eil iad air a bhith a' cleachdadh an uidheamachd cheart 'son daoine a ghiùlain bho itealain.

Tha am port-adhair air a bhith as aonais Ambulift - a bhios a' cuideachadh dhaoine nach faigh air, neo far, plèana gun chuideachadh - bhon bhliadhn' ùr, ach tha e air nochdadh gu bheil duilgheadasan air a bhith ann fad còrr agus bliadhna.

Thuirt am port-adhair gu bheil siostam ùr ga chur ann sàs an ceartuair.