Caisteal Inbhir Nis
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Ionad ceartais ùr aig tuath?

13 An Cèitean 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha e coltach gu bheil taic a' sìor fhàs 'son plana gus cùirt, prìosan agus seirbheisean sòisealta a chur ann an ionad ceartais ùr ann an Inbhir Pheofharain.

Thuirt ball-pàrlamaid Albannach an Eilein Sgitheanaich, Loch Abair 's Bhàideanach, Dàibhidh MacThòmais, gun do dh'innis Seirbheis Cùirt na h-Alba dha gun cuireadh iad taic ri leithid a dh'ionaid.

Fon phlana, dh'fhaodadh Caisteal Inbhir Nis a chur gu feum 'son turasachd.