Buaireadh an Earra-Ghàidheal

  • 13 An Cèitean 2013
Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid
Tha an ceòl air feadh na fidhle an Earra-Ghàidheal.

Tha ceistean mòra ann mu na tha an dàn dhan bhuidhinn-riaghlaidh aig Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid, is an SNP aig ìre nàiseanta a' cur an aghaidh phlana son co-bhanntachd ùr.

Chaidh aontachadh an t-seachdainn seo chaidh gun rachadh buidheann ùr a chur os cionn na comhairle, agus na Lib Deamaich agus na Tòraidhean gus a dhol còmhla ris an SNP.

'S iad na Nàiseantaich a bha a' riaghladh thuige seo, ach gun mhòr-chuid.

Bha dithis de chomhairlichean an SNP air a' bhuidhinn fhàgail cheana air sgàth eus-aonta mu phlana gus dhachaigh-cùraim ann an Dùn Omhain a dhùnadh.

Seasmhach

Thuirt ceannard buidheann an SNP aig a' chomhairle, Seumas Robb, gum biodh buidheann-riaghlaidh nas seasmhaiche ann nan tigeadh na Lib Deamaich is na Tòraidhean a-steach.

Chaidh an SNP aig ìre nàiseanta ge-tà an sàs gus stad a chur air na planaichean.

Thuirt Comataidh Stiùiridh Nàiseanta an SNP nach deach iarrtas a chur mun coinneimh son co-bhanntachd a stèidheachadh.

Thuirt iad gun feum na comhairlichean SNP ann an Earra-Ghàidheal am plana a chur an darna taobh ro dheireadh an là Diluain, no thèid an cur às a' phàrtaidh.

San eadar-ama tha na comhairlichean nàiseantach air a' bhuidhinn-riaghlaidh air an casg bhon phàrtaidh rè-ùine.

Thuirt an SNP aig ìre nàiseanta gu bheil cuid de na comhairlichean mar-thà air innse dha Seumas Robb nach bi iad deònach a dhol mar phàirt den bhuidhinn-riaghlaidh ùr.

Slaic

Thug ball-pàrlamaid na sgìre aig Westminster, an Lib Deamach Ailean Reid, slaic air an SNP.

Thuirt Mgr Reid nach bu chòir dhan SNP aig ìre nàiseanta gnothach a ghabhail ri cùisean aig ìre ionadail.

A rèir Mhgr Reid bha cùisean doirbh dhan chomhairle thuige seo leis nach robh mòr-chuid aca, is thuirt e gun robh e an dòchas gun cuireadh co-bhanntachd ùr gnothaichean air bun-stèidh nas cinntiche.

Tha e air sgrìobhadh gu Ailig Salmond ag iarraidh nach tèid an SNP aig ìre nàiseanta an sàs sa ghnothach tuilleadh.