Dragh mu bhuaidh Tesco

  • 13 An Cèitean 2013
Poca Tesco
Image caption Faodaidh daoine a-nis stuth òrdachadh air an eadar-lìon bho bhùth Tesco ann an Steòrnabhagh

Tha dragh air feadhainn a tha an lùib bhùthan coimhearsnachd ann an Leòdhas gum faodadh seirbheis ùr bho Thesco droch bhuaidh a thoirt orra.

Faodaidh daoine a-nis an stuth aca òrdachadh air an eadar-lìon bhon bhùth ann an Steòrnabhagh, agus thèid a thoirt dìreach gu na dachannan aca.

Tha Tormod Dòmhnallach, a tha an lùib na bùthaidh ann an Ùig, ag ràdh ma thòisicheas daoine a' cleachdadh na seirbheis gum faodadh e call a dhèanamh air bùthan coimhearsnachd.

Thuirt e gu bheil ceist ann am faigh cuid dhen na bùthan air cumail a' dol idir ma tha daoine gu bhith a' ceannach na dh'fheumas iad air an eadar-lìon.

Farpais

"'S e farpais a th' ann ceart gu leòr ach chan e farpais a th' ann a tha cothromach air dòigh sam bith. Tha e eu-comasach dha bùthan leithid na bùthaidh a th' againn ann an Ùig agus bùthan a th' air an ruith leis a' choimhearsnachd ann an sgìrean eile a bhith ann am farpais le leithid Tesco agus a' Cho-op", thuirt e.

Thuirt e gum feum daoine anns na coimhearsnachd taic a chumail ri na bùthan ionadail aca neo gu bheil cunnart ann rè ùine gun tèid iad à bith.