Coinneamh mu bhuaidh atharrachaidhean RET

Aiseag Sheall aithisg gun do dh'fhulaing eaconomaidh nan Eilean bho chaidh RET a thoirt air falbh bho luchd-bathair

Sgeulachdan co-cheangailte

Cumar coinneamh Diardaoin a bhruidhinn air aithisg mun bhuaidh a thug atharrachaidhean ann an sgeama RET an Riaghaltais Albannaich air luchd-bathair nan Eilean Siar.

Sheall aithisg bhon bhuidhinn MVA Consultancy, a chaidh fhoillseachadh bho chionn cealla-deug, gun tug mar a chaidh faraidhean saor a thoirt air falbh bho luchd-bathair droch bhuaidh air eaconomaidh nan Eilean.

Chaidh luchd-bathair a thoirt a-mach à sgeama an RET 's an Riaghaltas a' dèanamh dheth nach robh iad air na prìsean aca a lùghdachadh, a-rèir an ìsleachaidh anns na faraidhean aiseig a bha iad fhèin a pàigheadh.

Fhuair an aithisg ùr ge-tà gur e an sgeama a dh'fhàg nach deach na prìsean aca an àirde, a-rèir àrdachaidhean ann am prìsean connaidh agus ann an ìre na h-atmhorachd.

Coinneamh

Choinnich Buidheann Ghnothachais Innse Gall ri ball-pàrlamaid nan Eilean Siar ann an Westminster, Aonghas Brianan MacNèill, Dihaoine is iad a' sireadh taic bhuaithe-san airson faraidhean aiseig do luchd-bathair a thoirt a-nuas.

Gheall e strì an aghaidh an còrr àrdachaidh ann am faraidhean aiseig.

Thuirt Tormod MacAsgaill, a tha na bhall de Bhuidheann Ghnothachais Innse Gall, gu bheil iad a' gabhail ris gu bheil airgead poblach teann ach tha e a' dèanamh dheth gu robhas a' faighinn luach an airgid às.

Start Quote

Chan eil sinn ag iarraidh na h-uidhir sin airson faraidhean RET a thoirt do charbadan bathair anns na h-Eileanan an Iar agus tha mise mionnaichte às gum faigheamaid luach an airgid às.”

End Quote Tormod MacAsgaill Buidheann Ghnothachais Innse Gall

"Chan eil sinn ag iarraidh na h-uidhir sin airson faraidhean RET a thoirt do charbadan bathair anns na h-Eileanan an Iar agus tha mise mionnaichte às gum faigheamaid luach an airgid às", thuirt e.

Thuirt Mghr MacNèill gu bheil faraidhean aiseag do luchd-bathair nan Eilean fhathast nas saoire na bha iad mus tàinig RET a-steach anns a' chiad dol a-mach.

Thuirt e, ma thig gearradh eile ann am faraidhean aiseig do luchd-bathair, gum bu chòir dhaibh-san na prìsean aca-san ìsleachadh sa bhad, gus dèanamh cinnteach gum faigh muinntir nan Eilean làn bhuannachd às an sgeama.

Tuilleadh mun sgeulachd seo

Sgeulachdan co-cheangailte

Sgeulachdan aithriseach

  • CofaidhCofaidh is Craic an Glaschu

    Fosglaidh cafaidh ùr ann an Glaschu an ath-mhìos do choimhearsnachd Gàidhlig a' bhaile.


  • DìleasRobo Chù Listen

    Luchd-saidheans ag ràdh gun gabhadh ròbotan a chleachdadh an àite chon-chaorach airson caoraich a bhuachailleachd.


BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.