Taic làidir dhan Ghàidhlig an Alba

  • 13 An Cèitean 2013
Gàidhlig
Tha an sgrùdadh a' sealltainn gu bheil taic mhòr ann dhan Ghàidhlig ann an Alba.

Tha taic mhòr ann dhan Ghàidhlig ann an Alba, a rèir an sgrùdaidh as motha a rinneadh a-riamh air a' chànan.

Bha còrr air 75% a bha air an ceasnachadh san rannsachadh - Beachdan a’ Phobaill air a’ Ghàidhlig ann an Alba - den bheachd gu bheil an cànan cudromach do dhualchas culturail na h-Alba.

Thuirt 25% gum biodh iad buailteach an cuid chloinne a chur gu fòghlam tro mheadhan na Gàidhlig, nam biodh an cothrom aca.

Aig an ìre seo, 's e dìreach aon teaghlach ànns gach ceud - aig a bheil an roghainn - a tha a' taghadh fòghlam tro mheadhan na Gàidhlig.

Chaidh an rannsachadh a dhèanamh le Oilthigh Dhùn Èideann, Soillse agus ScotCen Social Research.

Chaidh 1200 duine nas sine na 18 air feadh na h-Alba a cheasnachadh.

Airgead

Chan eil an rannsachadh buileach cho misneachail a thaobh cho deònach 's a tha daoine barrachd airgid phoblaich a chosg air a' Ghàidhlig.

Thuirt 33% gun robh iad a' smaointinn gun robh cus airgid ga chosg oirre mar thà.

Tha 45% dhen bheachd gu bheil an t-suim a thathas a' cosg aig an ìre cheart an-dràsta, is thuirt 16% gum bu chòir barrachd a bhith air a chosg.

Thuirt 80% gu bheil iad taiceil ri soidhnichean rathaid ann an Gàidhlig ann an sgìrean far a bheil an cànan ga bhruidhinn, is dh'iarr mu 50% gum biodh soidhnichean dà-chànanach ann air feadh na dùthcha.

A rèir fhear den luchd-sgrùdaidh, an t-Àrd Ollamh Lindsay Paterson, tha craoladh Gàidhlig air buaidh mhòr a thoirt air beachdan dhaoine mun a' chànan.

"Fhuair sinn gu bheil 70% air Gàidhlig a chluinntinn anns na dachannan aca tro chraoladh.

"Bunaiteach"

"Tha sin bunaiteach oir bha a' bhuidheann a chuala Gàidhlig anns an dachaigh tro chòmhradh no mar sin, bha sin gu math nas lugha aig mu 4%.

"Tha craoladh Gàidhlig air an cànan a thoirt a-steach gu taighean dhaoine", thuirt e.

'S e "revolution" a tha sin, thuirt an t-Àrd Ollamh.

Thuirt Cathraiche Bhòrd na Gàidhlig, Iain Caimbeul, gu bheil a' bhuidheann air am misneachadh leis na figearan.

Thuirt e gu bheil an rannsachadh a' sealltainn gu bheil am Bòrd "air an t-slighe cheart son fàs is feabhas a thoirt air suidheachadh na Gàidhlig".

Chaidh e às àicheadh gum bu chòir iomagain a bhith ann mu na figearan a sheall gun robh an treas cuid den bheachd gu bheil cus airgid ga chosg air a' chànan.

"Ma dh'fhaodte gu bheil an treas cuid ag ràdh sin, ach tha a' chuid as motha ag ràdh gum bu chòir taic a thoirt dhan Ghàidhlig agus gu bheil àite aig a' Ghàidhlig ann an saoghal na h-Alba", thuirt e.

Ghabh Mgr Caimbeul ris gum bi feum air airgead a bharrachd.

"Beàrn"

"'S e pàirt den duilgheadas a th' againn, a dh'aindeoin is gu bheil taic ann, gu bheil beàrn a-nis a' nochdadh air sàilleabh iarrtas is goireasan, agus ma dheargas sinn air cùisean a chumail a' dol, feumaidh sinn tuilleadh ghoireasan, chan eil teagamh sam bith mun sin", thuirt e.

Rinn am Ministear Riaghaltais aig a bheil dleastanas an dà chuid airson na Gàidhlig agus foghlam, Alasdair Allan, gàirdeachas ris an sgrùdadh.

Thuirt e nach biodh taic mar seo dhan Ghàidhlig air nochdadh bliadhnaichean air ais.

Dh'aidich Mgr Allan nach eil tidsearan Gàidhlig gu leòr ann airson coinneachadh ris an iarrtas a nochd san sgrùdadh.

Cha do gheall e airgead a bharrachd, ach thuirt e gum bi feum air airgead son amasan an Riaghaltais a thaobh na Gàidhlig a choileanadh.