Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

10 An Cèitean 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Abu Qatada

Thuirt an luchd-lagha aig Abu Qatada gum fàg an clèireach radaigeach Breatainn leis a thoil fhèin, agus gun tèid e gu Iòrdan, ma dh'aontaicheas Pàrlamaid Iòrdan ri còrdadh ùr leis an Rìoghachd Aonaichte. Chaidh an còrdadh a dhealbhachadh airson stad a chur air luchd-casaid a bhith a' cleachdadh fianais a chaidh fhaighinn tro bhith a' ciùradh dhaoine ann an cùis lagh sam bith a thèid a chumail ann an Iòrdan an aghaidh Mhgr Qatada.

Jimmy Savile

Tha aithisg bho phoilis à Siorrachd York an Iar ag ràdh nach eil fianais sam bith ann gun deach Jimmy Savile a dhìon bho bhith ga chur an grèim, a dh'aindeoin a' chàirdeis a bh' aige leis an fheachd. Fhuair rannsachadh ge-tà, gun robh cus crochaidh ga dhèanamh air càirdeasan pearsanta eadar Savile agus cuid de na h-oifigearan.

Bàs Boireannaich

Tha Poilis ann an Leòdhas ag ràdh nach eil dad amharasach mu bhàs bhoireannaich air an eilean a chaidh fhaighinn air tràigh ann an Suardal anns an Rubha. Chaidh am boireannach ainmeachadh gu h-ionadail mar Anna NicCaluim. Chaidh a corp a lorg goirid às dèidh 08:00m an-dè le fear a bha a-muigh a' coiseachd le cù. Thèid rannsachadh bàis a chumail, agus thèid aithisg a chur gu Neach-casaid a' Chrùin.

SSE

Tha ceannard na companaidh cumhachd Scottish and Southern Energy ag ràdh gu bheil aithreachas air às dèidh mar a chaidh mì-reic a dhèanamh air cùmhnantan gas agus dealain. Bha Iain Marchant a' bruidhinn ann an agallamh a rinn e mun chùis a thèid a chraoladh air an deireadh-sheachdain seo. Chaidh càin de £10m a chur air Scottish and Southern Energy airson a bhith a' mì-reic chùmhnantan.

Port-adhair Lunnainn

Dh'iarr buidheann de Bhuill-Phàrlamaid gun tèid cur às do phlanaichean airson port-adhair ùr a stèidheachadh air Abhainn Thames ann an Lunnainn, seach a bhith a' cur raon-laighe ùr ri Port-adhair Heathrow. Bha Mèar Lunnainn, Boris Johnston, air a làn-thaic a chur ri planaichean airson puirt-adhair ùir. Ach a rèir aithisg a chaidh a sgrìobhadh le Comataidh Thaghte na Còmhdhail, 's e leudachadh a dhèanamh air Heathrow an rud as fheàrr, agus dh'fheumadh am port-adhair co-dhiù aon raon-laighe ùr no ma dh'fhaoidte dhà.

Clàradh Chroitean

Thèid sreath de bhùithdean-obrach a chumail air feadh Alba 's draghan air nochdadh mu mar a chaidh iarraidh air daoine an cuid chroitean a chlàradh. 'S iad Coimisean na Croitearachd a bhios a' cumail nan coinneamhan. Tha draghan ann nach eil fiosrachadh gu leòr ann mun sgeama ùr. Bidh riochdairean bho Chlàran na h-Alba an làthair airson taic a thoirt seachad aig na coinneamhan.