Coinneamhan a' Choimisein sna coimhearsnachdan

  • 10 An Cèitean 2013
Croitear
Image caption Feumaidh croitean a bhith air an clàradh gu h-oifigeil a-nis.

Cumaidh Coimisean na Croitearachd coinneamhan ann an diofar sgìrean do luchd-measaidh agus eile agus dragh ann nach eil fiosrachadh gu leòr ann fhathast mun doigh sam bu chòir croitean a chlàradh.

Bidh bùithdean-obrach ann far am bi riochdairean bho Chlàran na h-Alba a' mìneachadh na dh'fheumas daoine a dhèanamh fon t-siostam ùr.

Feumaidh croitearan na th' aca de dh'fhearann a chlàradh gu mionaideach fo Achd Ath-leasachaidh na Croitearachd.

"An-uiridh bha co-labhairt ann an Inbhir Nis airson a h-uile neach-measaidh, thàinig iad uile a-steach a dh'Inbhir Nis," thuirt Cathraiche a' Choimisein, Susan Walker.

Fiosrachadh agus Beachdan

"Ach am bliadhna tha sinn a' dol a dh'fheuchainn cho-labhairtean anns na sgìrean croitearachd fhèin.

"Tè dhiubh airson Leòdhais is na Hearadh, tè airson an Eilein Sgitheanaich, 's tè dhiubh airson Earra-Ghàidheal.

"'S e an cuspair a tha sinn a' dol a bhruidhinn mu dheidhinn, Clàr nan Croitean.

"Tha an siostam ùr a-nis, ach tha croitearan ag iarraidh barrachd fiosrachaidh mu dheidhinn mar a tha iad a' dèanamh sin.

"Ciamar a tha thu a' dèanamh nam mapaichean; ciamar a tha thu a' clàradh na croite agad," thuirt i.

Tha an Coimisean cuideachd ag amas air coinneamhan bùird a chumail ann an diofar sgìrean, seach dìreach ann an Inbhir Nis.

"An-uiridh bha sinn anns na Hearadh airson Coinneimh a' Bhùird, agus tha sinn 'a bruidhinn air a bhith a' dol gu diofar àiteannan a h-uile bliadhna.

"An-uiridh bha e fìor-mhath. Bha bùithdean-obrach againn airson chroitearan, chlèirean bhailtean agus luchd-measaidh.

"Bha sinn a' faighinn fiosrachaidh agus bheachdan bho na croitearan mu dheidhinn nan rudan a tha an Coimisean a' dèanamh. Agus tha sin gu math cudromach.

"Am bliadhna, tha sinn a' bruidhinn mu dheidhinn a bhith a' dol gu Loch Abar, 's dòcha Àird nam Murchan," thuirt i.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile