Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

9 An Cèitean 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Corp ann an Leòdhas

Tha Poilis ann an Leòdhas a' rannsachadh mar a chaidh corp boireannaich fhaighinn anns a' mhadainn an-diugh air an tràigh faisg air Suardal anns an Rubha. Thuirt fear-labhairt nam Poileas gur e duine a bha a' coiseachd air an tràigh le cù a chuir fios orra tràth anns a' mhadainn.

Saighdearan

Tillidh cuirp triùir shaighdearan Albannach a chaill am beatha ann an Afganastan dhan Rìoghachd Aonaichte an-diugh. Thig plèana gu ruige RAF Brize Norton ann an Siorrachd Oxford tràth feasgar le dust a' Chorporal Uilleam Savage, agus am Fusilier Samuel Flint bhon Dàrna Batalion Rèiseamaid Rìoghail na h-Alba, agus am Pte. Robert Hetherington bhon 7mh Batalion. Chaidh am marbhadh an t-seachdain seo chaidh nuair a spreadh boma an carbad san robh iad.

Ohio

Thèid duine mu choinneimh na cùirt ann an Ohio sna Stàitean Aonaichte an-diugh fo chasaid gun do chuir e triùir bhoireannach am bruid agus gun do dh'èignich e iad. Thuirt Poilis ann an Cleveland gu bheil Ariel Castro a' cuideachadh leis an rannsachadh. Chaidh na boireannaich a shaoradh Diluain, cha-mhòr 11 bhliadhna bho chaidh iad a dhìth.

Bangladais

Chaidh ochdnar le cinnt a mharbhadh ann an teine aig factaraidh aodaich ann am Bangladais, rud a tha a' togail tuilleadh cheistean mu ìre shàbhailteachd anns an àite-obrach anns an dùthaich sin. Tha seo an dèidh bàs còrr is 900 duine nuair a thuit togalach aig factaraidh eile ann am Bangladais air a' mhìos seo chaidh.

Am BBC ann an Alba

Tha buill ann am Pàrlamaid na h-Alba ag ràdh gu bheil gearradh cosnaidh aig a' BhBC an Alba a' cur teagamh ann an comas na buidhne craoladh ceart a dhèanamh air tachartasan mar an referendum air neo-eisimeileachd agus Geamaichean a' Cho-Fhlaitheis an ath-bhliadhna. Thuirt Comataidh Foghlaim agus Cultair na Pàrlamaid nach eil earbsa sam bith aca san t-suidheachadh. Thuirt am BBC mar fhreagairt gu bheil iad a' cur an làn-dìcheil ri aithris choileanta.

Na h-Arctic Convoys

Tha mu 40 seann mharaiche air cruinneachadh air Loch Iù air taobh siar Rois an-diugh agus Bonn an Arctic Star ga bhuileachadh orra airson an gaisgeachd anns an Dàrna Cogadh. Tha 70 bliadhna ann bho bha iad a' seòladh sna h-Arctic Convoys.