Dragh mu chrìonadh prìs a' mhaoraich

  • 9 An Cèitean 2013
Bàt-iasgaich
Image caption Tha dùil gun tuit prìsean fhathast am bliadhna.

Tha dragh air èirigh mu na tha an dàn do dh'iasgairean a' chosta an iar, agus prìs nam muasgan-caola air tuiteam.

Tha crìonadh ann an eaconamaidhean na Roinn Eorpa a' ciallachadh nach eil daoine a' ceannach mar a b'àbhaist, agus tha prìs a' mhaoraich sìos mu 20%.

Tha dùil gun tuit prìsean fhathast am bliadhna, suas ri 15% a bharrachd.

Bhiodh sin a' ciallachadh gum bi prìsean sna margaidhean mòra air tuiteam 25% ann an dà bhliadhna.

Taic-airgid

Tha riochdairean a' ghnìomhachais a-nise a' sireadh taic shònraichte bho Riaghaltas na h-Alba, 's eagal ann gun caill cuid de dh'iasgairean an cosnadh.

Tha iasgach nam muasgan-caola gu math cudromach do dh'eaconamaidh a' chosta an iar, agus tha stocan falainn.

Tha an crìonadh a' tighinn agus gearraidhean gan cur an sàs air na tha e ceadaichte do dh'iasgairean a chur seachad de làithean aig muir, mar oidhirp air na tha tràlairean mhuasgan-caola a' glacadh de throsg.

Chan eil ach glè bheag de thruisg gan glacadh ann an lìn mhuasgan-caola, a rèir iasgairean ge-tà, agus tha na gearraidhean a' cur feirge orra.

Tha cuid den bheachd gun tig air cuid de na h-eathraichean sguir a dhol gu muir ri linn an dà adhbhair a tha sin, 's gun caill cuid de dh'iasgairean an cosnadh.

Thuirt Àrd-Oifigear Chomann Iasgairean Mhalaig 's an Iar-thuath, Alasdair Skinner, gum bu chòir do Rùnaire an Iasgaich, Richard Lochhead, an aon taic a thoirt do dh'iasgairean 's a thugadh do thuathanaich ri linn droch sheachda a' Gheamhraidh.

Thèid £6m a roinn eadar tuathanaich seach gun robh iad ann an suidheachadh èiginneach.

Tha cuid ag iarraidh air Mgr Lochhead a dhol chun a' Choimisein Eòrpaich a dh'iarraidh orra cur às do sgeama dìon an truisg, gus am faigh bàtaichean air a dhol gu muir nas trice a dh'iasgach nam muasgan-caola, 's gum faigh iad air beò-shlaint a chosnadh.