Sgeama hydro ùr air cead fhaighinn

Uisge Thòisich sgeamaichean hydro ann an 1943.

Chaidh cead-dealbhachaidh a thoirt do phlana gus sgeama hydro ùr a thogail air taobh sear Rois, agus 70mh ceann-bliadhna dealain hydro ann an Alba ga chomharrachadh.

Cosgaidh an sgeama 7.5 megawatt, a bhios ann an àite air a bheil Glasa, an iar-thuath air Alanais, £30m, agus bidh e comasach air dealan a chruthachadh do mu 4,000 dachaigh.

Tòisichidh Scottish and Southern Energy (SSE) obair air a' phròiseact nas fhaide den bhliadhna.

'S e a' chiad sgeama ùr bho dh'fhosgail sgeama Ghlinn Dotha faisg air Cille Chuimein ann an 2009.

'S ann an 1943 a chaidh achd tron Phàrlamaid gus sgeamaichean a dhèanadh dealan bho chumhachd an uisge ann an aibhnichean agus lochan na Gàidhealtachd a cheadachadh.

Fon ainm "Neart nan Gleann" thòisich iomairt gus na dusannan de dhamaichean a thogail, le ionadan cumhachd nan cois.

Nuair a bha an sgeama aig àirde, bha mu 12,000 duine ag obair air an hydro.

Thàinig fireannaich bho air feadh na h-Alba a dh'obair orra às dèidh an Dàrna Cogaidh, 's iad a' faighinn deagh phàigheadh.

Bha Gearmailtich, Pòlannaich agus Teichich air am meas math air tunailean a chladhach, 's thugadh "Tunnel Tigers" orra.

Anmoch sna 1940an, gheibheadh fear dhiubh suas ri £35 san t-seachdain, an taca ri £3 no £4 san t-seachdain do luchd-obrach air oighreachdan.

Bidh taisbeanadh fosgailte don phoball aig co-labhairt ann am Peairt an t-seachdain seo gus an ceann-bliadhna a chomharrachadh.

Sgeulachdan aithriseach

What is VOCAB? Deth'ann a VOCAB?

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.