Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

7 An Cèitean 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

An t-Aonadh Eòrpach

Thuirt Sràid Downing gu bheil am Prìomhaire gu math cinnteach gun soirbhich oidhirp air aonta ùr do Bhreatainn leis an Aonadh Eòrpach, a dh'aindeoin agus gu bheil am Morair Lawson ag ràdh gu bheil an t-àm aig Breatainn tarraing a-mach às an EU. Thuirt an t-seann Sheansalair Tòraidheach gum biodh na buanachdan eaconamach gu math nas motha na chosgadh e do Bhreatainn fuireach anns an Aonadh.

Jimmy Tarbuck

Chaidh an cleasaiche Jimmy Tarbuck a chur an grèim mu aithris gun tug e ionnsaigh dhrabasta air leanabh anns na 70an. Chaidh Mgr Tarbuck, a tha 73 bliadhna de dh'aois, a cheasnachadh agus a shaoradh air urras, le Poilis Cheann a Tuath Shiorrachd York.

Ohio

Chaidh triùir bhoireannach òga a bha a dhìth airson còrr is 10 bliadhna sna Stàitean Aonaichte fhaighinn beò ann an taigh ann an Cleveland ann an Ohio. Chaidh na Poilis dhan taigh an dèidh do nàbannan sgiamhail a chluinntinn ann. Chaidh triùir dhaoine a chur an grèim.

CnaG

Tha Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean, An Comunn Gàidhealach agus Comhairle na Gàidhealtachd uile a' tarraing a-mach à Comunn na Gàidhlig. Cumaidh HIE taic-airgid fhathast ri CnaG, agus tha an dà bhuidhinn eile ag ràdh gun cum iad taic riutha bhon taobh a-muigh nuair a bhios sin a dhìth. Ach tha iad ag ràdh gu bheil CnaG air slighe atharrachadh gu ìre agus nach eil adhbhar dhaibh tuilleadh a bhith nam buill ann.

Bàli

Rinn boireannach à Breatainn a tha fo bhinn bàis airson cùiltearachd dhrogaichean ann am Bàli tagradh às ùr, an turas seo dhan Phrìomh Chùirt ann an Indonèisia. Chaidh Lindsay Sandiford, a tha 56, a dhìteadh airson còig cileagram de chocaine a thoirt leatha air plèana gu ruige Bàli. #

A' Bhàn-rìgh

Thàinig dearbhadh bho Lùchairt Bhuckingham nach bi a' Bhàn-righ aig coinneamh Cheannardan a' Cho-Fhlaitheis am bliadhna airson a' chiad uair ann an 40 bliadhna. Thèid am Prionnsa Teàrlach na h-àite dhan chruinneachadh ann an Sri Lanka anns an t-Samhain.

Oifisean Puist

Tha luchd-obrach aig na h-oifisean puist as motha ann am Breatainn air stailc a-rithist an-diugh, 's iad a' gearain mu chosnaidhean agus tuarastail. Tha an stailc seo a' toirt buaidh air 370 de dh'oifisean puist a' Chrùin.