Deasbad ga iarraidh mu RET luchd-bathair

  • 7 An Cèitean 2013
Bàt-aiseig
Sheall aithisg gun robh luchd-bathair a' toirt an lùghdachaidh seachad don luchd-ceannaich.

Tha BPA Làbarach 'son na Gàidhealtachd 's nan Eilean a' feuchainn ri taic fhaighinn 'son deasbaid aig Holyrood air buaidh eaconamach cho-dhùnadh an Riaghaltais faraidhean RET a thoirt air falbh bho luchd-bathair.

Chuir Rhoda Ghrannd gluasad air adhart, is i ag ràdh gum bu chòir don riaghaltas an siostam a chur air ais mar a bha e.

Thug an co-dhùnadh buaidh air luchd-bathair a bhios a' cleachdadh seirbheisean aiseig nan Eilean Siar, Cholla is Thiriodh.

Tha aithisg a-nis air sealltainn gun robh luchd-bathair a' toirt nam buannachdan bho RET do luchd-ceannaich, ged a bha an Riaghaltas air fàgail orra an toiseach nach robh.

Sheall an rannsachadh cuideachd gun deach cron a dheànamh air eaconamaidh nan eilean le bhith a' toirt nam faraidhean air falbh.

Thuirt Rhoda Ghrannd gu bheil i a' tuigsinn gum feumar coimhead air dòighean gus airgead a shàbhaladh, ach gur ann a bhios cosgais nas motha ann air a' cheann thall air sgath a' cho-dhùnaidh seo.

Tha a' Bh.Ph. Ghrannd a' sireadh taic thar-phàrtaidh gus am bi an deasbad aig Holyrood ann.