Sìol
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Sìol traidiseanta gu bhith mì-laghail?

6 An Cèitean 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha mì-chinnt air èirigh mu reachdas Eòrpach ùr, a dh'fhaodadh cuid de sheòrsaichean sìl a dhèanamh mì-laghail.

Thèid dreach den reachdas ùr air beulaibh a' Choimisein Eòrpaich Diluain.

Tha e ag ràdh nach fhaodar a reic ach sìol a tha clàraiche air liosta an Aonaidh Eòrpaich.

Tha eagal ann ge-tà, mun bhuaidh a bheireadh seo air tuathanaich bheaga, croitearan agus gàirnealairean ann an Alba, agus air feadh na Roinn Eòrpa.

Gu dearbha, tha cuid amharasach gun cuir an reachdas às do shreathan lusan traidiseanta ionadail, nach eil gan cleachdadh gu coimearsalta.

Tha Calum MacIlleathain ag aithris.