Bàs air tancair BP ann an Steòrnabhagh

  • 6 An Cèitean 2013

Chaidh na poilis ann an Steòrnabhagh a ghairm gu Tancair BP "British Explorer" agus fireannach aois 53 air bàsachadh air bòrd.

Le taic bho bàta-teasairginn fhuair na poilis air bòrd agus thèid aithisg a chur gu Neach-casaid a' Chrùin.

Thuirt na Poilis nach eil càil amharasach co-cheangailte ris a' chùis.