Coinneamh mu phàipearan-naidheachd sna h-Eileanan Siar

  • 6 An Cèitean 2013
MV Isle of Lewis
Image caption Cha bhi uidhir de phàipearan gan reic ri linn an dàil.

Cumaidh Comhairle nan Eilean Siar coinneamh le Comann Phàipearan-naidheachd na h-Alba, Loganair agus Cal Mac an t-seachdain seo tighinn, gus feuchainn ri fuasgladh fhaighinn air suidheachdadh nam pàipearan-naidheachd anns na h-Eileanan Siar.

'S ann air a' bhàt'-aiseig a tha na pàipearan a' tighinn a-nis, an àite air a' phlèana, a' ciallachadh gu bheil iad a' ruighinn nam bùithdean nas anmoiche na b' àbhaist.

Tha a' Chomhairle draghail mun bhuaidh a tha sin a' toirt air gnìomhachasan.

"Tha dà bhuaidh aige: tha cuspair nam pàipearan fhèin ann, gu bheil na pàipearan a' tighinn a-steach gu math fadalach, 's tha sin croiseil dha daoine," thuirt Fear-gairm na Comhairle, Tormod Dòmhnallach.

Clàr-ama

"Ach 's e an rud as motha a tha a' dèanamh dragh dhuinn, 's e ma tha buaidh gu bhith aige air an teachd-a-steach a bhios aig na gnìomhachasan leis gum bi nas lugha de dhaoine a' frithealadh nam bùithdean," thuirt e.

Thuirt Comann Phàipearan-naidheachd na h-Alba nach eil iad a' reic ach 10% nas lugha phàipearan-naidheachd ri linn an atharrachaidh bhon phlèana dhan bhàt'-aiseig.

Ach tha muinntir nam bùithdean ag ràdh gu bheil am figear beagan nas àirde na sin.

"'S e tarraing mhòr a bh' anns na maidnean a bhith a' faicinn dhaoine a' tighinn a-steach dha na bùithdean airson nam pàipearan, ach bhiodh iad cuideachd a' ceannach rudan eile aig an àm sin," thuirt Mgr Dòmhnallach.

"Sa chiad àite, bhiodh sinn airson rudeigin a dhèanamh mu dheidhinn anns na beagan sheachdainnean no mìosan a tha romhainn.

"Ach tha sinn cuideachd gu bhith a' coimhead ris an ath-bhliadhna nuair a thig an aiseag ùr - a bheil dòigh ann, mur am faigh sinn fuasgladh ceart air anns an ùine ghoirid, an clàr-ama sin atharrachadh air dòigh 's gum biodh na pàipearan a' tighinn a-steach dha na h-eileanan tràth sa mhadainn," thuirt e.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile