Dragh air HHP mu shochairean sòisealta

  • 3 An Cèitean 2013
Seòmar-cadail Image copyright Getty Images
Image caption Tha HHP ag ràdh nach eil an sgeama a' freagairt air sgìrean eileanach.

Tha Buidheann Taigheadais Innse Gall (HHP) air draghan a nochdadh mun t-siostam ùr fo a bheil sochairean sòisealta gan toirt seachad.

Thuirt a' bhuidheann gu bheil iad diombach mu bhuaidh a' Chreidis Choitchinn, agus gu h-àraid cìs nan seòmraichean-cadail.

Leis nach eil stòras mòr ionmhais aig a' bhuidhinn, a tha meadhanach ùr, chan eil iad air chomas lùghdachadh ann an teachd-a-steach a ghiùlain gun a bhith a' gearradh air ais.

"Tha e a' dol a chur uallach mòr air HHP," thuirt Màiri Bremner, a th' air bòrd na buidhne.

"Aig àm sam bith, air feadh nan taighean air fad, bidh mu 300 duine againne air am bi e a' bualadh air sàilleibh Cìs nan Seòmraichean-cadail a tha sin.

"Ma bheir mi dhut eisimpleir, can Barraigh, ma tha thu a' dol a dh'iarraidh air daoine (cìs nan seòmraichean-cadail a phàigheadh) tha daoine a' dol a radh riut "chan urrainn dhomhsa a dheanamh, thoir dhomh taigh eile."

"C'àil thu a' dol gan cur? Chan eil taighean againn dhan cuir sinn daoine a bhiodh ag iarraidh taigh nas lugha fhaighinn an sin.

"Cha bhi teachd a-steach againn. Às aonais sin, chan urrainn dhuinn an obair-leasachaidh a dhèanamh, no taighean eile a thogail 's an leithid sin.

"Tha e do-dhèanta dhuinne a chreidsinn ciamar a tha e a' dol a dh'obrachadh.

"Feumaidh sinn a bhith ag obrachadh còmhla ris a h-uile buidheann taigheadais eile.

"Feumaidh sinn feuchainn ri thoirt air an Riaghaltas a thuigsinn dè dìreach a' bhuaidh a tha gu bhith aige. Agus feumaidh sinn feuchainn ri atharrachadh," thuirt i.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile