Riaghaltas a' tarraing iarrtais dhealbhachaidh

  • 2 An Cèitean 2013
Tac Chnoc nan Giall
Image caption Tha an Riaghaltas ag ràdh nach eil feum aca air an talamh.

Tha Riaghaltas na h-Alba ag ràdh gun do tharraing iad, rè ùine, iarrtas dealbhachaidh a bh' aca airson 190 taigh a thogail air fearann a tha mar phàirt de Thac Chnoc nan Giall, air iomall Inbhir Nis.

'S ann air Tac Chnoc nan Giall a tha Sgeama nan Tarbh aig Riaghaltas na h-Alba airson chroitearan stèidhichte.

Tha an Riaghaltas air a bhith a' sireadh cead-dealbhachaidh airson nan taighean air an làraich, sa bheil 50 acair-fearainn, 's iad ag ràdh nach eil an talamh a dhìth air tac nan tarbh.

Ach, tha ministearan a-nise ag ràdh gu bheil iad air aonta a ruighinn le roinn dealbhachaidh Comhairle na Gàidhealtachd gun tarraing iad an t-iarrtas air ais rè ùine, fhad 's a tha obair a' dol air adhart air Plana Leasachaidh Ionadail Chinn a-Staigh Linne Mhoireibh.

San eadar-ama, tha iad ag ràdh, cumaidh a' chompanaidh Deloitte co-chomhairleachadh poblach leis a' choimhearsnachd, gus na molaidhean a dheasbad gu mionaideach.

Tha luchd-iomairt ionadail air a bhith a' feuchainn ris an talamh, a tha iadsan ag ràdh a tha na fhìor dheagh thalamh, bhon leasachadh.

Tha am BPA neo-eisimeileach airson na Gàidhealtachd, John Finnie, a' toirt taic dhaibh, 's e ag ràdh nach eil e iomchaidh gun reic an Riaghaltas am fearann sin le cead-dealbhachaidh, dìreach airson luach as fheàrr an airgid fhaighinn, gu seachd àraid nuair a tha iarrtas mòr san sgìre air talamh airson liosan.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile