Fàilte air taic-airgid èiginneach do thuathanaich

  • 2 An Cèitean 2013
Caoraich
Image caption Thàinig call mòr air tuathanaich ri linn droch aimsir a' Gheamhraidh.

Tha tuathanaich ag ràdh gun tèid feum mòr a dhèanamh den airgead a tha Riaghaltas na h-Alba a' gealltainn dhan fheadhainn a chaill stoc agus bàrr thar a' Gheamhraidh.

Dh'innis Rùnaire nan Gnothaichean Dùthchail, Ridseard Lochhead gun tèid £6m gan ionnsaigh agus an àireamh chaorach a chailleadh am bliadhna suas 50% an taca ri an-uiridh.

Tha Iar-Chathraiche Aonadh nan Tuathanach air a' Ghàidhealtachd, Raibeart Dòmhnallach, a' cur fàilte air an naidheachd.

"'S e naidheachd mhath a th' ann. Tha e a' ciallachadh gu bheil Roinn an Àiteachais air aithneachadh cho doirbh 's a bha e do na daoine sin.

As Fheumaiche

"Agus an fheadhainn a chaidh an call orra, bidh e uabhasach feumail dhaibh cuideachadh fhaighinn.

"Airson bha cosgaisean uabhasach orra le biadh, agus biadh a bharrachd a cheannach a-steach, agus an uair sin an call stuic a bh' orra cuideachd.

"Ach a rèir nan stòraidhean a tha mi a' cluinnteil, cha tèid an t-suim seo faisg air a' chosgais air fad a phàigheadh.

"Feadhainn de na daoine, bidh tàire aca cumail a' dol, leis na chaill iad de chaoraich.

"Bha mi a' cluinnteil an-diugh bho dhuine a bha ceithir ceud chaora aige, 's chaill e dà cheud dhiubh.

"'S e airgead mòr a dh'fheumadh esan airson cumail a' dol.

"Ach cuidichidh e airson a' chiad treiseig, gus am faigh iad an casan," thuirt e.

Tha ceist air Mgr Dòmhnallach ge-tà, ciamar a thèid an t-suim a roinn a-mach gu cothromach.

"Cha bhi e soirbh idir dhaibh. Ge-tà, feumaidh iad coimhead, agus bidh e doirbh dhaibh dèanamh a-mach anns a' chiad àite cò an fheadhainn air an robh an call as motha, agus 's iad an fheadhainn as fheumaiche air an airgead.

"Ach tuathanaich, tha iad iongantach ann an dòigh. Cha toil leotha bruidhinn mu dheidhinn, ma tha call mar sin orra.

"Tha iad a' smaoineachadh gur e an coire fhèin a bh' ann, ged is e coire na sìde a bh' ann. Agus tha iad caran pròiseil airson a dhol air adhart.

"Nuair a thèid £6m eadar a h-uile tuathanach an Alba, cha d'rachadh e fada idir.

"Tha iad a' bruidhinn air gu bheil cuid de dhaoine - an t-seann fheadhainn agus feadhainn nach eil buileach cho sean - a' bruidhinn air toirt suas. Tha iad a' faireachdainn gu bheil an t-sìde air a dhol bun-os-cionn," thuirt e.