Na Gàidheil an Albainn Nuaidh

Taisbeanadh Ministear na Gàidhlig an Alba Nuadh, Maurice Mac a' Ghobhainn, is Lodaidh MacFhionghuin bho Oifis Iomairtean na Gàidhlig, is iad a' tadhal air an taisbeanadh ùr ann an Halafacs.

Dh'fhosgail taisbeanadh ùr mu na Gàidheil ann an Alba Nuadh.

'S e 'Na Gàidheil an Albainn Nuaidh' a th' air an taisbeanadh.

"S ann a-mach air eachdraidh nan Gàidheal a tha e 'san t-seann dùthaich bho thùs suas gu àm nam Fuadaichean, agus an uair sin eilthireachd nan Gàidheal gu àiteachan coltach ri Alba Nuaidh," thuirt Ceannard Oifis Iomairtean na Gàidhlig, Lodaidh MacFhionghuin.

"Bidh an taisbeanadh cuideachd a' cur cuideim air na Gàidheal ann an Alba Nuaidh san là an-diugh agus dè an seanchas a th' aca," thuirt e.

Tha an taisbeanadh ann aig àm cudromach do na Gàidheil ann an Alba Nuadh is 'Mìos na Gàidhlig' ga comharrachadh an sin anns a' Chèitean gach bliadhna.

Coinneamhan

Tha sreath de choinneamhan coimhearsnachd mu shuidheachadh na Gàidhlig sa Mhòr-Roinn cuideachd dìreach air tighinn gu ceann.

B'e seo an dàrna sreath dha leithid.

Air ais ann an 2002 chruinnich daoine 'son beachdachadh air dè ghabhadh a dhèanamh gus ath-bheothachadh a thoirt air a' Ghàidhlig ann an Alba Nuadh, is i an uair sin air fàs glè chugallach.

Bhon uair sin tha cùisean air togail orra is modh-teagaisg TIP, a thug Fionnlagh MacLeòid do dh'Alba Nuadh sa chiad dol-a-mach, air feum mòr a dhèanamh.

Bha adhartas mòr ann an 2006 nuair a chaidh Oifis Iomairtean na Gàidhlig a stèidheachadh.

Meòrachadh

'S ann a bha an sreath ùr seo de choinneamhan ann 'son coimhead air na thachair thuige seo, agus 'son meòrachadh air an ath-cheum.

Nochd iomadach beachd, le feadhainn ag iarraidh stèisean rèidio sa Ghàidhig air loidhne, is molaidhean bho chuid eile 'son feuchainn air foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a stèidheachadh.

Math dh'fhaoidte gu bheil sin pìos às fhathast, ach chan eil teagamh nach eil gnothaichean nas dòchasaich na bha iad ann an 2002.

A rèir Lodaidh MhicFhionguin, bidh cothrom an lùib an taisbeanaidh seo naidheachd mun adhartas sin a sgaoileadh.

"Seo a' chiad taisbeanadh mar seo a chaidh a dhèanamh a-riamh ann an Alba Nuaidh.

"Dòchas"

"Tha sinn làn dòchais gum bi seo a' toirt tuilleadh fhiosrachaidh do mhuinntir na h-Albann Nuaidh air sgeul nan Gàidheal air fad - an eachdraidh a bh' aca agus cuideachd san là an-diugh," thuirt e.

Bidh an taisbeanadh an toiseach ri fhaicinn ann an Taigh-tasgaidh Eachdraidh an Nàduir ann an Halafacs gu deireadh a' Chèitein.

Tha dùil an uair sin gun tèid e air chuairt gu coimhearsnachdan air feadh Alba Nuaidh.

Thathas an dòchas gun tig e do dh'Alba uaireigin san àm ri teachd.

Tuilleadh mun sgeulachd seo

Chan eil uallach air a' BhBC airson na tha air làraich-lìn eile.

Sgeulachdan aithriseach

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.