Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

30 An Giblean 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Prìosanaich

Thuirt na Poilis gun d'fhuair dithis phrìosanach ma sgaoil nuair a thug feadhainn ionnsaigh air bhana prìosain sa mhadainn an-diugh ann an Salford. Thug còignear ionnsaigh air a' charbad 's e a' dèanamh a shlighe a-steach a Mhanchester. Thuirt na Poilis gu bheil an iomairt gus lorg fhaighinn orra fhathast a' dol le àireamh mhòir de dh'oifigearan air an cur a dh'obair san sgìre.

Wullie Beck

Chaidh cùis cùirte dàrna turas a dhiùltadh dha fear a chaidh a dhiteadh airson mèirle le armachd barrachd air 33 bliadhna air ais. Chuir Wullie Beck seachad sia bliadhna sa phrìosan airson mèirle le armachd air bhana puist ann an Lodainn an Iar. Tha e air a bhith a' dol às àicheadh nan casaidean bho thùs agus e ag ràdh gun robh mearachdan an cois fianais fhir a chunnaic a' chùis.

Lìog Dìon nan Sasannach

Tha sianar fhireannach Muslamach à Birmingham air aideachadh gu bheil iad ciontach de bhith ag ullachadh airson ionnsaigh cheannairceach a thoirt air iomairtean aig Buidheann Dìon Shasainn. Thèid binn prìosain a thoirt orra nas fhaide den bhliadhna.

Prìsean Thaighean

Thàinig tuiteam air prìsean àbhaisteach thaighean an Alba a rèir fhigearan às ùr a chaidh fhoillseachadh le Luchd-Clàraidh na h-Alba. Anns na trì mìosan aig toiseach na bliadhna, thuit prìs taighe 0.4% an coimeas ris an aon àm an-uiridh. Thàinig àrdachadh 5% san àireamh de thaighean a chaidh a reic, leis na h-àireamhan as àirde a thaobh taighean sa chumantas air taobh an ear Rinn Friù.

Aiseag Arcaibh

Tha Ministear na Còmhdhail, Keith Brown, a' moladh dha Serco Northlink fuasgladh fhaighinn cho luath 's a ghabhas airson bàta-aiseig eile a chur air dòigh airson seirbheis Scràbasdail ann an sgìre Ghallaibh agus Arcaibh. Chan eil muinntir Arcaibh idir toilichte mu naidheachd gum faodadh iad a bhith gun bhàta-aiseig airson seachdainnean. Tha coltas ann nach bi an t-aiseag a' ruith eadar Scràbasdail ann an sgìre Ghallaibh agus Arcaibh air ais air an t-seirbheis airson sia seachdainnean às dèidh dha fear de na h-einnseanan briseadh. Thuirt Serco Northlink gun robh iad a' feuchainn ri bàta eile fhaighinn na h-àite, agus iad ag obair le luchd-siubhail gus leithid Pentland Ferries gus daoine a chuideachadh ann a bhith a' faighinn chun an eilein agus gu Tìr Mòr.

Buaireadh Buill-choise

Chuir bomaichean ceò agus trioblaid taobh a-staigh na pàirce dàil air geama buill-choise an-raoir eadar sgiobaidhean Celtic agus Rangers fo aois 17 bliadhna. Bha draghan ann mu thèarainnteachd, agus bha an geama fadalach gun tòiseachadh gus dèanamh cinnteach gun robh an ceò uile air falbh. Thuirt na Poilis gun deach triùir a chur an grèim ri linn na trioblaid.