Ùidh mhòr ann an roghainnean rathad an t-Sròim

  • 29 An Giblean 2013
Rathad rubair air an loidhne-rèile Image copyright Other
Image caption B'fheudar leigeil le càraichean dràibheadh air an loidhne-rèile nuair a bha an rathad dùinte ceithir mìosan.

Nochd còrr math air 100 duine aig talla-bhaile Loch Carrann air an deireadh-sheachdain a thoirt sùil air planaichean Comhairle na Gàidhealtachd airson rathaid ùir eadar an sgìre agus Loch Aillse.

'S e seach-rathad an t-Sròim an aon shlighe a tha gan ceangal.

Ach tha maoimtean-slèibhe air an rathad sin a dhùnadh buileach grunn thursan, agus e dùinte ceithir mìosan aon turas.

Tha a' Comhairle a-nis a' sireadh fuasgladh.

Drochaid

Tha diofar mholaidhean gan cur air adhart airson sin fhaighinn.

Nam measg tha rathad ùr tro Ghleann Udalain air taobh a deas an locha; rathad ùr tuath air Baile Loch Carrann fhèin a thèid thairis air a' Chaolas Charrannach le drochaid; agus an rathad a th' ann a dhèanamh nas dìonaich an aghaidh mhaoimtean-slèibhe.

"Chan e rathad airson an luchd-turais, ach rathad airson an t-sluaigh a tha a' fuireach an seo," thuirt Elsie NicIlleMhoire, a tha a' fuireach anns an t-Sròm Charrannach.

"Agus tha fhios againn cò ris a bha e coltach an-uiridh agus e a' cur bacadh air mòran.

"'S e an rud, cò às a tha an t-airgead a' tighinn?

"Dh'fheumadh iad rathad ùr a dhèanamh air an taobh seo de Loch Carrann, agus air an taobh eile.

"Tha an t-airgead ann. 'S e ciamar a tha thu a' dol ga fhaighinn," thuirt i.

Tha Mark Wringe a' fuireach san Eilean Sgitheanach, agus coltach ri gu leòr eile, 's e taobh Loch Carrann an rathad as fheàrr leis airson siubhal eadar an t-eilean agus Inbhir Nis.

"Chan eil mi a' tuigsinn carson a dh'iarradh duine ciallach sam bith rathad tro Ghleann Udalain," thuirt e.

"Tha mi dìreach air cluinntinn gu bheil sin a' ciallachadh deich cileameatar cas, ri tuath, agus na tha sin a' ciallachadh de reothadh agus cunnart anns a' Gheamhradh.

"Mar sin, drochaid 's dòcha tarsainn an locha a b'fheàrr leamsa. Ach dìon dhan rèile cuideachd.

"Agus nan gabhadh e dèanamh, na dhà a thoirt tarsainn còmhla. An uair sin gheibheadh tu cothrom nas fheàrr air siubhail mun cuairt air an seo, agus daoine a' faighinn cothrom air an trèana an seo nach eil aca an-dràsta," thuirt e.

Tha an rathad cudromach do chloinn-sgoile na sgìre a bhios a' siubhail gu ruige Àrd-sgoil a' Phluic.

"A rèir muinntir an àite, daoine a th' air a bhith an seo fad am beatha, tha iadsan ag ràdh, an aon rud a dh'fheumadh sinn, 's e drochaid aig Port an t-Sròim," thuirt Donnchadh Fearghasdan, Maighstir na Sgoile.

"Ach bhon taobh agamsa dheth, 's e an rud as cudromaiche gum faigh sinn slighe a tha sàbhailte airson na cloinne a tha a' tighinn gach là à Loch Carrann is Ciseorn dhan sgoil sa Phloc.

"Ach tha sinn ag iarraidh fuasgladh ann an ùine nach bi fada.

"Chan eil sinn ag iarraidh co-chomhairleachadh an dèidh co-chomhairleachaidh. Tha sinn ag iarraidh cho-dhùnaidhean," thuirt e.