Lorg ga fhaighinn air bàta-ghiomach air grunnd na mara

  • 26 An Giblean 2013

Tha sgiobaidhean teasargain air lorg fhaighinn air bàta-ghiomach air a' ghrunnd faisg air an Òban.

Chaidh brath-èiginn gu maoir-chladaich Steòrnabhaigh mu am-dìnearach Diardaoin, le fiosrachadh gun robh am bàta a' dol fodha faisg air Eilean Èisdeil.

Thèid dealbhan a thogail den bhàta le camara a tha freagarrach airson na fairge.

Thathar den bheachd gun robh aon duine air bòrd, agus thathar a-nise a' feuchainn ri lorg fhaighinn air.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile