Giomaich is muasgain-chaola gann

  • 26 An Giblean 2013

Thuirt iasgairean gu bheil cho fuar 's a tha an aimsir fhathast air droch bhuaidh a thoirt air cho paillt 's a tha giomaich ann an uisgeachan na h-Alba.

Thuirt Caidreachas Iasgairean Clèibhe na dùthcha gu bheil na thathas a' glacadh de ghiomach, far chosta an ear na dùthcha sìos mu 90%, leis gu bheil na giomaich nas fhaide a-muigh aig muir.

Tha an leithid a' fàgail gu bheil cìlo de ghiomach a-nise aig £25, seach £15 mar a b' àbhaist.

Tha na thathas a' glacadh de mhuasgain-chaola cuideachd sìos mu 70% ann an Linne Chluaidh.