Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

26 An Giblean 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Obraichean Ùra

Thèid suas ri 500 obair ùr a chruthachadh ann an Inbhir Nis aig a' chompanaidh Capgemini a tha an sàs ann an teicneòlas ionmhais. Bheir sin dùblachadh air àireamh luchd-obrach na companaidh timcheall air Inbhir Nis. Thuirt Prìomh Mhinistear na h-Alba, Ailig Salmond, a dh'fhoillsich an naidheachd an-diugh, nach gabh luach cur air a' bhuannachd do dh'eaconamaidh na sgìre.

Peinseanan

Chaidh ceistean a thogail às ùr mu pheinseanan ma 's e agus gum faigheadh Alba neo-eisimeileachd. Tha Institùd Cunntasairean Clàraichte na h-Alba ag ràdh gum feum Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte, agus Riaghaltas na h-Alba, dòighean-obrach ullachadh airson pheinseanan. Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil co-obrachadh air peinseanan eadar diofar dhùthchannan gu math cumanta anns an Roinn Eòrpa.

Companaidhean Cunntasachd

Tha Buill-Phàrlamaid ann an Westminster ag ràdh gu bheil càirdeas fada ro dhlùth eadar an Riahgaltas agus na ceithir companaidhean mòra cunntasachd. Tha Comataidh nan Cunntasan Poblach ag iarraidh casg air luchd-cunntais neo-eisimeileach bho bhith air am fastadh gu obair taobh a-staigh an Riaghaltais, agus dragh orra gu bheil iad sin a' gabhail brath air an eòlas agus a' stiùireadh chompanaidhean mòra an uair sin, agus daoine eile, gu dòighean air cìsean a sheachnadh.

Siria

Dh'iarr Dàibhidh Camshron air a' choimhearsnachd eadar-nàiseanta tuilleadh a dhèanamh airson cur às dhan Riaghaltas ann an Siria, agus aithrisean ann gu bheil iad a' cleachdadh armachd cheimigeach anns a' chogadh shìobhalta. Tha na Stàitean Aonaichte ag ràdh gu bheil dearbhadh aca gu bheil feachdan a' Chinn-suidhe Assad air armachd cheimigeach a chur am feum.

Ratharsair

Thuirt croitearan Ratharsair nach eil mòran coltais ann gun ceannaich a' choimhearsnachd an t-eilean. Iarraidh Riaghaltas na h-Alba beachd an t-sluaigh mun dòigh as fheàrr air còirichean seilge Ratharsair a làimhseachadh. 'S e am fearann a cheannach dhaibh fhèin aon roghainn. Ach tha na croitearan ag ràdh nach eil cus ùidhe aig muinntir an eilein ann an sin.

Seach-rathad an t-Sròim

Bidh coinneamh phoblach ann an Loch Carrann a-màireach a' coimhead air na naoi diofar mholaidhean a th' aig Comhairle na Gàidhealtachd airson leasachadh air Seach-rathad an t-Sròim. Tha an rathad sin ri taobh an locha dùinte tric le creagan a' tuiteam os a chionn.