Tuilleadh bhreabadairean a dhìth

  • 26 An Giblean 2013
Beart
Image caption Tha dùil gun tèid tuilleadh bhreabadairean fhastadh a dh'aithghearr.

Tha beachd ann gu bheil gnìomhachas a' Chlò Mhòir cho trang an-dràsta 's gu bheil tuilleadh bhreabadairean a dhìth.

Tha Comann nam Breabadairean ag ullachadh airson na coinneimh bliadhhnail aca air an ath-mhìos.

"Tha mise faisg air ochd bliadhna sa ghnìomhachas, agus an dà bhliadhna mu dheireadh, tha iad air a bhith buileach math, agus chanainn, aig an ìre seo, gu bheil am bliadhna a' coimhead a' cheart cho math," thuirt Niall MacLeòid, a tha na bhall den bhuidhinn.

"Tha obair gu leòr aig a h-uile breabadair, agus 's e suidheachadh gu math cofhurtail a tha sin.

Beartan

"Canaidh muillnean riut gu bheil rùm anns a' ghnìomhachas airson tuilleadh bhreabadairean.

"Ma sheallas tu an-dràsta, Muillean MhicCoinnich, tha dùil acasan tòiseachadh ann am mìos eile, 's bidh iadsan a' lorg bhreabadairean cuideachd, 's tha Muilleann Chàrlabhaigh.

"Ach chan e breabadairean as duilghe. 'S e beartan. Tha na beartan gu math duilich fhaighinn, agus 's ann ri sin a bhios sinne a' coimhead anns a' bhliadhna a tha romhainn.

"Rud eile a chì mi, thug mise madainn an-dè ag obair le clas bho Sgoil MhicNeacail, tha mi a' smaointinn gun robh 15 de bhalaich 's clann-nighean ann.

"Bha iad airson faighinn a-mach mu dheidhinn a' ghnìomhachais.

"Bha mise a' cantainn, chan e a bhith nad bhreabadair, feuch nas àirde na breabadair. 'S ann an sin a tha an obair, 's ann an sin a tha an t-airgead.

"Agus tha tlachd dha-rìribh ann nuair a chì thu daoine òga a' sealltainn ris a' ghnìomhachas," thuirt e.