Roghainnean seach-rathad an t-Sròim gan taisbeanadh

  • 25 An Giblean 2013

Tha cuireadh ga thoirt dhan phoball a dhol gu Talla-bhaile Loch Carrann Disathairne, gus sùil a thoirt air na roghainnean a tha gan cur air adhart airson seach-rathaid ùir an t-Sròim.

Tha naoi diofar rathaidean, eadar trì diofar slighean ùra gan cur air adhart.

Chaidh an rathad a dhùnadh fad ceithir mìosan san Dùbhlachd 2011, nuair a thàinig maoim-slèibhe a-nuas air.

Dh'adhbharaich sin gun robh aig dràibhearan ri 150 mìle a bharrachd a shiubhail na is àbhaist.

Thèid beachdan mu na slighean a chur mu choinneimh Comataidh Còmhdhail Comhairle na Gàidhealtachd air 16mh an Cèitean.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile