Co-chomhairleachadh air còirichean seilge Ratharsair

  • 25 An Giblean 2013
Damh ruadh
Image caption Chan eil na h-eileanaich airson an t-eilean a cheannach bhon Riaghaltas.

Thòisich Riaghaltas na h-Alba co-chomhairleachadh air na bu chòir a dhèanamh le còirichean seilge Eilein Ratharsair.

Dh'èirich buaireadh na bu tràithe am bliadhna, às dèidh mar a chaidh na còirchean a reic ri companaidh seilge à Siorrachd Àir.

Bha iad air a bhith ann an làmhan nan eileanach fhèin bho chionn 18 bliadhna, 's bha iad air mòran a chur ri eaconamaidh an eilein, ach bha ministearan a' cumail a-mach gun robh dleastanas laghail orra luach as fheàrr an airgid fhaighinn air reic maoin phoblaich.

Thabhainn a' chompanaidh ann an Siorrachd Àir £2,000 a bharrachd na thabhainn na croitearan.

175 bliadhna

Thuirt croitearan an eilein gun robh an co-dhùnadh sin a' dol calg-dhìreach an aghaidh mar a thathas a' brosnachadh choimhearsnachdan barrachd smachd a ghabhail air fearann ionadail, agus gun robh an Riaghaltas air gnothaichean a làimhseachadh mar gur e uachdaran neo-làthaireach a bh' annta sna seann làithean.

Chaidh an co-dhùnadh a chur air a cheann, 's fhuair na croitearan an cùmhnant a-rithist.

'S ann leis an Riaghaltas a tha Ratharsair.

Tha ministearan a-niste ag ràdh gu bheil iad airson beachdan a h-uile duine san eilean a chluinntinn air na bu chòir a dhèanamh leis na còirichean seilge.

Am measg nam molaidhean a tha gan cur air adhart, tha na còirichean a thoirt do Chomann Chroitearan Ratharsair, no buidheann coimhearsnachd eile, fad 175 bliadhna.

Dh'fhaodadh cuideachd gun deadh an cur air a' mhargaidh fhosgailte a-rithist, no gun tèid an t-eilean air fad agus na còirichean seilge a thabhainn do na h-eileanaich.

Tha na h-eileanaich air a ràdh cheana ge-tà, nach eil ùidh aca ann a bhith a' ceannach an eilein.

Tha na croitearan, a th' air mòran a chur ri bhith a' togail gnìomhachais sheilge anns an eilean, ag ràdh gum bu chòir gur ann acasan a bhios an guth as làidire a thaobh na thachras do na còirichean seilge.

Thig an co-chomhairleachadh gu ceann air 7mh an t-Ògmhios.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile