Ospadal a' Bhelford
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Seirbheis sganaidh a dhìth aig Ospadal a' Bhelford

25 An Giblean 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha boireannaich agus an cuid chloinne gan cur ann an cunnart ann an Loch Abar a rèir fhir de chomhairlichean na sgìre.

Bha Ailean MacEanraig a' bruidhinn agus iad air a bhith às aonais seirbheis sonography bho an-uiridh.

Tha sin a' fàgail gu bheil aig boireanaich a tha an dùil ri leanabh a dhol a dh'Inbhir Nis airson sgan fhaighinn.

Tha a' choimhearsnachd a-nis a' cur ìmpidh air seirbheis na slàinte cùisean a chur ceart sa bhad.

Tha tuilleadh aig Eileen NicDhòmhnaill.