Fearann ga reic air £1

  • 24 An Giblean 2013
Bonn not
Image caption Tha am fearann an-dràsta le Buidheann Taigheadais na Gàidhealtachd.

Tha Comhairle Coimhearsnachd Cheann a Deas Inbhir Nis air co-chomhairleachaidh a thòiseachadh air na bu chòir dhaibh a dhèanamh le pìos fearainn eadar an A9 agus Bràigh Bhaile a' Mhonaidh.

Dh'fhaodadh a' chomhairle choimhearsnachd an talamh a cheannach air prìs £1, agus tha grunn bheachdan aca air mar bu chòir a chur gu feum.

Nam measg, tha pàirce coimhearsnachd a chruthachadh, goireas airson ball-coise a chluich, slighean baidhseagail, pàirce sgèatabhòrd, beingean agus gàradh.

'S ann le Buidheann Taigheadais na Gàidhealtachd a tha an talamh.

Tha gu deireadh a' Chèitein aig daoine airson an cuid bheachdan a chur a-steach.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile