Dàil air seirbehis-adhair ri linn mearachd thèarainneachd

  • 24 An Giblean 2013

Chaidh dàil air seirbheis-adhair eadar Steòrnabhagh, Inbhir Nis agus Dùn Èideann Dimàirt an dèidh dha tighinn am follais gun d'fhuair aon fhear den luchd-siubhail air a' phlèana gun a dhol tron t-siostam thèarainnteachd.

Bha am plèana gus falbh à Steòrnabhagh nuair a chaidh stad air, agus b'fheudar dhan a h-uile duine a bha air bòrd tighinn dheth agus a dhol ro dheuchainn tèarainnteachd a-rithist.

Thuirt Puirt-Adhair na Gàidhealtachd 's nan Eilean gu bheil iad a' rannsachadh na cùise.