"Chosgadh aiseag Mhalaig £500,000 sa bhliadhna" a rèir Stòras Uibhist

Loch Baghasdail Tha iomairt air a bhith a' leantainn iomadh bliadhna airson seirbheis ùr a Mhalaig.

Thuirt Stòras Uibhist gu bheil dearbhadh aca nach cosgadh e ach £500,000 sa bhliadhna seirbheis aiseig a stèidheachadh eadar Loch Baghasdail agus Malaig leis an t-soitheach an 'Isle of Arran'.

Tha a' bhuidheann, a tha a' ruith oighreachd Uibhist a Deas as leth na coimhearsnachd, cuideachd a' dèanamh coimeis ri seirbheisean aiseig eileanan eile.

Tha iad ag ràdh, ged a tha 5,000 duine a' fuireach ann an Uibhist, nach eil àite air aiseagan an eilein ach airson 1,000 càr san t-seachdain.

Tha sin an taca ri eileanan nas lugha leithid Muile agus Ìle far a bheil tòrr a bharrachd rùm air na h-aiseagan.

Ceann Loch Chille Chiarain

"Chaidh innse dhuinn an t-seachdain seo chaidh nach gabhadh an t-seirbheis a tha seo a chur air aghaidh a thaobh a' chosgais, gum feumadh iad bàta ùr, agus gun robh e a' dol a chosg chan eil fhios co mheud millean not," thuirt Cathraiche Stòras Uibhist, Aonghas MacIlleMhaoil.

"Tha am fiosrachadh a fhuair sinn a-niste a' sealltainn gu bheil seo gu tur ceàrr, agus gu bheil Mac a' Bhriuthainn fhèin air innse dhan Riaghaltas gun gabh e dèanamh air figear car' faisg air na figearan a tha sinne a' bruidhinn mu dheidhinn o chionn bhliadhnaichean air ais," thuirt e.

Chaidh MV Isle of Arran a chur air slighe ùir a dh'ainmich an Riaghaltas Albannach an t-seachdain seo chaidh eadar Ceann Loch Chille Chiarain ann an Cinn Tìre, agus Àird Rosain ann an Siorrachd Àir ge-tà, a bhiodh a' ciallachadh a-nis gum biodh soitheach ùr a dhìth airson slighe Mhalaig nan deadh a stèidheachadh.

Dh'iarr am BBC beachd bho Chòmhdail na h-Alba ach chan eil iad air tilleadh thugainn aig an ìre seo.

Thuirt BPA nan Eilean Siar, Alasdair Allan, gu bheil e foilleasach nach eil an t-seirbheis bho Loch Baghasdail làidir gu leòr airson feumalachdan na coimhearsnachd.

Thuirt e gu bheil e air seo a ràdh gu tric, agus gu bheil e ag argamaid airson seirbheis eadar Loch Baghasdail agus Malaig anns a' chùmhnant ùr airson seirbheisean aiseig anns na h-Eileanan Siar.

Tuilleadh mun sgeulachd seo

Chan eil uallach air a' BhBC airson na tha air làraich-lìn eile.

Sgeulachdan aithriseach

What is VOCAB? Deth'ann a VOCAB?

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.