Iarrtas mu sheirbheis adhair Eileanaich

  • 22 An Giblean 2013
Pàipearan-naidheachd
Image caption Tha Mgr Crichton ag ràdh gun toireadh an t-seirbheis pàipearan-nàidheachd chun nan Eilean Siar nas tràithe.

Dh'iarr comhairliche Leòdhasach air Loganair sùil às ùr a thoirt air a' cheangal adhair eadar Obair Dheathain agus Steòrnabhagh, agus luchd-siubhail a thoirt leotha air an t-seirbheis bhathair thràth eadar an dà phort-adhair.

Tha Dòmhnall Crichton ag ràdh gun toireadh seo na pàipearan-naidheachd dha na h-eileanan tràth san là, is gum biodh e gu buannachd luchd-obrach na h-ola cuideachd.

"Anns a' chiad àite tha mi a' smaoineachadh gur e cnap-starra duilich a tha seo dha na h-Eileanan, nach fhaigh sinn pàipearan-naidheachd gu feasgar là sam bith san t-seachdain air sgàth 's gu bheil faraidhean bathair a' dol an-àirde le Loganair," thuirt e.

"'S tha mi a' smaoineachadh gum faodadh iad seirbheis ùr a thoirt a-steach a bheireadh cothrom dha dhaoine a chleachdadh.

"Tha seirbheis à Obar Dheathain a' tighinn an seo a Steòrnabhagh a h-uile là le pàipearan-naidheachd, 's tha mi ag iarraidh orra aig an àm seo coimhead a-rithist, agus an t-seirbheis sin a chleachdadh airson cothrom a thoirt dha luchd-siubhail.

"Nam biodh sin air a chur air chois, cha bhiodh adhbhar sam bith aca a bhith a' cus suas chosgaisean airson pàipearan-naidheachd a chur a-null dha na h-Eileanan," thuirt e.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile