Aithisg air foghlam dùthchail ga foillseachadh

  • 19 An Giblean 2013
Sgoil
Bha moritorium air dùnadh sgoiltean dùthchail gus an deadh an aithisg fhoillseachadh.

Cha bu chòir coimhead ri foghlam ann an sgìrean dùthchail mar rud leis fhèin, ach còmhla ri rudan eile a tha a' toirt buaidh air leasachadh, a rèir aithisg ùir bho Choimisean shònraichte.

Chaidh an Coimisean a chur air bhonn o chionn dà bhliadhna airson coimhead ri mar a bha sgoiltean ann an coimhearsnachdan beaga air an tuath gan dùnadh.

Dh'fhoillsich an Coimisean aithisg anns a bheil 38 molaidhean, ann an Inbhir Nis Dihaoine.

Am measg na tha iad a' moladh, tha a bhith a' glèidheadh a' chumhachd a th' aig ministearan an Riaghaltais a bhith a' gairm a-steach cho-dhùnaidhean ùghdarrasan ionadail gus sgoiltean a dhùnadh, le cumhachd ùr ga chur air adhart airson a bhith a' toirt air ùghdarrasan ionadail beachdachadh a-rithist.

Iomadh Seirbheis

Chaidh moritorium a chur air a bhith a' dùnadh sgoiltean dùthchail gus an dèadh an aithisg fhoillseachadh.

Chaidh an Siorram Dàibhidh Sutharlannach a chur an ceann a' Choimisein, agus thugadh saorsa dha a bhith "a' smaoineachadh gu radaigeach" mu mar a b' fheàrr a lìbhrigear foghlam ann an sgìrean dùtchail.

"Tha an aithisg againn a' dèanamh 38 molaidhean a tha ag amas air dìon a chur air a' chuid as fheàrr de na th' againn an-dràsta, fhad 's a bheirear leasachadh air cùisean do ghinealaichean a tha a' ri thighinn," thuirt an Siorram Sutharlannach.

"Bu shoilleir dhuinn nach bu chòir coimhead ri foghlam leis fhèin.

"Tha coimhearsnachdan seasmhach air an tuath a' crochadh air iomadh seirbheis, sgoiltean nam measg, ach cuideachd obraichean agus taigheadas.

"'S e sin as coireach gu bheil cuideam ga chur air ath-bheothachadh sgìrean dùthchail san aithisg againn," thuirt e.

'S iad na prìomh mholaidhean a rinn an Coimisean:

  • Comhairle nas làidire bhon Riaghaltas a thaobh cho-chomhairleachaidhean poblach.
  • Feumar piseach a thoirt air aithisgean buannachd foghlaim - na làmh-sgrìobhainnean leis am bi comhairlean a' measadh co-dhiù am bu chòir sgoiltean a dhùnadh.
  • Feumaidh fiosrachadh ionmhasail soilleir, mionaideach, a bhith a' cur taic ri co-dhùnaidhean ionmhasail sam bith a chuirear air adhart airson sgoil a dhùnadh.
  • Bu chòir gum bi cumhachd fhathast aig ministearan an Riaghaltais co-dhùnaidhean a ghairm a-steach gus am measadh.
  • Bu chòir gum bi cumhachd a bharrachd aig ministearan toirt air ùghdarrasan ionadail beachdachadh a-rithist air an co-dhùnaidhean.
  • Bu chòir freagairtean ionmholta a leasachadh gus cùram tràth-bhliadhnaichean a chur air dòigh, le sgoiltean gan cleachdadh mar phrìomh ionadan airson seirbheisean eile co-fhillte.

Thuirt Ministear an Fhoghlaim, Alasdair Allan, gun robh fàilte air an aithisg, agus gun tigeadh freagairt nas iomlaine bhon Riaghaltas anns na seachdainnean a tha romhainn.

"Beachdaichidh mi gu cùramach air na molaidhean agus sinn a' coimhead ri mar a bheir Riaghaltas na h-Alba, Cosla, agus comhairlean ionadail leasachadh agus piseach air mar a bheirear seachad foghlam ann an sgìrean dùthchail," thuirt e.

Thuirt an Comh. Dàibhidh O'Neill, ceann-suidhe Chosla (a' bhuidheann a tha a' riochdachadh chomhairlean na h-Alba): "Tha e ceart gum bi Cosla agus Riaghaltas na h-Alba a' toirt ùine air a bhith ag obair air mar a ghabhas an aithisg seo a thoirt air adhart, ach 's fhiach dhomh a ràdh gu bheil mòran san aithisg a tha seo a bu mhath leinne fhaicinn ga chur an gnìomh gu h-iomlan."

Cha robh iomradh air suidheachadh sgoiltean nan Eilean Siar anns an aithisg, agus thèid breithneachadh air a' chùis sin deireadh a' Ghiblein.