Obair air ostail a chaidh na smàl

  • 19 An Giblean 2013

Bidh obair a' dol ann am meadhan Inbhir Nis air an deireadh-sheachdain airson mullach ostail luchd-turais a chaidh na smàl a thoirt air falbh.

Thèid dà chrann mhòr a chleachdadh gus sprùilleach a thoirt air falbh bho mhullach Ostail Òigridh an Eastgate.

Chaidh an t-àite a mhilleadh le teine aig toiseach a' Ghiblein.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd ag ràdh gun tèid crìoch a chur air an obair Oidhche na Sàbaid.

B' fheudair do chòrr air 50 neach-turais teicheadh às an ostail tron oidhche nuair a chaidh e na theine.