Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

19 An Giblean 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Boston

Thuirt Poilis ann am Boston gun do chaochaill fear anns an ospadal a tha fo amharas gur e fear den dithis a mharbh oifigear poilis nuair a chaidh losgadh air le gunna aig oilthigh ann am Boston anns a' mhadainn an-diugh. Tha aithrisean ann gu bheil ceangal eadar an duine seo agus na bomaichean aig Marathon Bhoston aig toiseach na seachdain. Tha obair mhòr phoilis a' dol air adhart ann an sgìre Watertown air iomall Bhoston far an do theich an dàrna duine. Tha poilis ag ràdh gur e ceannairceach a th' ann a tha cunnartach agus aig a bheil armachd.

Rolf Harris

Thàinig e am follais gun deach an craoladair telebhisein Rolf Harris, a tha 83 bliadhna de dh'aois, a cheasnachadh fo amharas gun robh e ri eucoir dhrabasta. Chaidh a cheasnachadh anns an t-Samhain an-uiridh, agus a chur an grèim gu foirmeil air a' mhìos a chaidh, agus a shaoradh air urras. Tha e coltach gu bheil a' chasaid a tha na aghaidh co-cheangailte ri rud a thachair bho chionn bhliadhnaichean, agus gur e aon bhoireannach a tha an lùib na cùise.

Na Làbaraich

Tha co-labhairt an Earraich aig a' Phàrtaidh Làbarach an Alba a' tòiseachadh ann an Inbhir Nis an-diugh. Bheir Alasdair Darling, ceannard na h-iomairt Better Together, slaic air planaichean an SNP nam b' e agus gun iarradh an referendum an ath-bhliadhna neo-eisimeileachd do dh'Alba. Nì iad deasbad cuideachd air moladh gum bu chòir làn-smachd air cìs teachd a-steach a thoirt do Phàrlamaid na h-Alba. Tha ceannard Albannach nan Làbarach, Johann NicLaomainn, ag aideachadh nach eil a h-uile duine sa phàrtaidh ag iarraidh sin.

Sgoiltean Eileanach

Bheir Cùirt an t-Seisein sùil aig deireadh na mìosa seo, cha mhòr dà mhìos nas tràithe na bha dùil, air cùisean a dh'èirich anns a' mholadh airson ceithir sgoiltean a dhùnadh sna h-Eileanan an Iar. Tha dùil cuideachd gun coinnich riochdairean Chomhairle nan Eilean Siar agus Rùnaire an Fhoghlaim, Mìcheal Russell, an ath-sheachdain a dh'fheuchainn ri fuasgladh fhaighinn dhan t-suidheachadh a th' air £100,000 a thoirt às an sporran phoblach mar thà. Tha ùghdarrasan ionadail eile a tha am beachd sgoiltean a dhùnadh a' cumail sùilean iad fhèin air an t-suidheachadh.

Foghlam Dùthchail

Agus chaidh aithisg fhoillseachadh an-diugh air foghlam ann an sgìrean dùthchail an dèidh do Riaghaltas na h-Alba coimisean a stèidheachadh bho chionn dà bhliadhna airson sùil a thoirt air dragh mu dhùnadh bhun-sgoiltean ann an coimhearsnachdan beaga. Tha 38 molaidhean anns an aithisg a tha ag ràdh gum feumar coimhead air foghlam mar phàirt de leasachadh air goireasan agus coimhearsnachdan dùthchail anns an fharsainneachd.